An loidhne dhìreachPuing-trasnaidh

Lorg caisead, co-aontaran, trasnaidhean loidhneachan-meadhain, loidhneachan àirde is letheadairean ceart-cheàrnach a' cleachdadh eòlas air a' phuing-meadhain is loidhneachan co-shìnte/ceart-cheàrnach.

Part ofMatamataigCleachdadh

Puing-trasnaidh

An trasnadh aig dà loidhne dhìreach

Bidh puing choitcheann aig dà loidhne dhìreach - a' phuing-trasnaidh - far am bi iad a' dol thairis air a chèile no a' coinneachadh.

Eisimpleir

Obraich a-mach puing-trasnaidh nan loidhneachan \(3y = 2x + 4\) agus \(3x = 7 - 2y\)

Fuasgladh

Ath-rèitich, agus an uair sin fuasgail le co-aontaran co-amail.

\(3y - 2x = 4\,( \times 3) \to 9y - 6x = 12\)

\(2y + 3x = 7\,( \times 2) \to 4y + 6x = 14\)

Cuir-ris:

\(13y = 26\)

\(y = 2\)

Cuir \(y = 2\) ann an \(2y + 3x = 7\) a bheir dhut \(4 + 3x = 7\)

Mar sin le \(3x = 3\) a' toirt \(x = 1\)

'S e \((1,2)\) a' phuing-trasnaidh.