An loidhne dhìreachCo-loidhneachd

Lorg caisead, co-aontaran, trasnaidhean loidhneachan-meadhain, loidhneachan àirde is letheadairean ceart-cheàrnach a' cleachdadh eòlas air a' phuing-meadhain is loidhneachan co-shìnte/ceart-cheàrnach.

Part ofMatamataigCleachdadh

Co-loidhneachd

Ma tha trì puingean no barrachd air an aon loidhne dhìrich, canar gu bheil iad co-loidhneach.

Collinear lines mAB and mBC share point B

Ma tha A, B agus C co-loidhneach, bidh \({m_{AB}} = {m_{BC}}( = {m_{AC}})\) .

Airson sealltainn gu bheil trì puingean co-loidhneach, tagh dà earrann dhen loidhne, mar eisimpleir \(AB\) agus \(BC\). Feumaidh tu an uair sin dèanamh cinnteach gu bheil:

  • cùrsa coitcheann aca ('s e sin caiseadan co-ionann)
  • puing choitcheann (mar eisimpleir, B)

Ma tha an dà abairt sin fìor, tha na puingean co-loidhneach.

Eisimpleir

Seall gu bheil \(P(1,4)\), \(Q(4,6)\) agus \(R(10,10)\) co-loidhneach.

Fuasgladh

Cleachdaidh sinn na loidhneachan PQ agus PR san eisimpleir seo.

\({m_{PQ}} = \frac{{6 - 4}}{{4 - 1}} = \frac{2}{3}\)

\({m_{PR}} = \frac{{10 - 4}}{{10 - 1}} = \frac{6}{9} = \frac{2}{3}\)

Tha cùrsa coitcheann aig na h-earrannan dhen loidhne (caiseadan \(= \frac{2}{3}\)) agus puing choitcheann \((P)\) agus mar sin tha \(P\), \(Q\) agus \(R\) co-loidhneach.