'S ioma Gaidheal, thar nam bliadhnaichean, a fhuair cosnadh agus bith-beò le bhi a' fàgail an dachaigh airson a dhol gu muir anns a' chabhlach mharsanta.
Agus 's ioma òran a sgrìobh iad mu dhèidhinn am beatha, cuid dhiubh rin cluinntinn gu tric chun an là an-diugh -- leithid "Òran a' Chiaora", "A Pheigi a Ghràidh" is "Chi Mi 'n Tìr". Tha a mhòr chuid dhe na h-òrain seo a-mach air dòigh-beatha nan seòladairean. Mar a tha Murchadh Moireasdan ag ràdh ann an "Òran a' Chiaora": Nuair a chaidh sinn uile air bòrd innte Cha do chòrd i idir rinn; Cha robh cùisean idir dòigheil Oir bha 'm bòsan air an dràm; No air an cianalas a bha iad a' faireachdainn ann am meadhan nan tonnan -- leithid Frulaic ann an "Òran a Phort Hardy" 's e ag ràdh: Is truagh nach robh m' astar gu acarsaid m' òig, Ach an lìbhriginn an carago air tràigh a' mhoil mhòir, Far 'eil rìbhinnean àlainn le Gàidhlig gu leòr, 'S a dhèanadh le aoibhneas dhuinn faighneachd ar beò. Ach tha aon òran ann a tha a' dèanamh aithris air tachartas: rèis cho ainmeil 's a th' againn ann an saoghail bhàtaichean-siùil. 'S e ainm an òrain "Deoch Slàinte nan Gillean" no "An Ariel Bhoidheach". Tha e ag innse mar a sheòl mu dhusan bàta (Tea Clippers) a-mach à Abhainn Mhin ann an Sìna, nam measg an Ariel agus an Taeping air madainn Chèitean sa bhliadhna 1866. B'e Iain Keay caiptean an Ariel agus b' e Dòmhnall MacFhionghainn à Tiriodh caiptean an Taeping. 'S e Iain MacFhionghainn, saor an Taeping, a' rinn an òran, 's tha e a' toirt fìor bhlas air cho brèagha 's a bha na bàtaichean èasgaidh seo: Nuair thogadh tu h-aodach am bàrr a cruinn chaola, 'S i shnàmhadh gu h-aotrom mar fhaoileag nan tonn; Gaoth tuath 's i 'na frasan mar luaidhe ga sadadh, Is fuaim aig a darach 'n àm sgapadh nan tonn. As dèidh dhaibh an loidhne a ruigsinn bha e soilleir gu robh an rèis eadar an Ariel an Taeping. Agus sin mar a thachair: bha an Ariel aig Gravesend beagan air thòiseach air an Taeping, ach fhuair an Taeping tug b' fheàrr agus ràinig i na docks dìreach fichead mionaid roimh an Ariel.
'S e sgeul iongantach a th' ann: dà bhàta a dh'fhàg Sìna air an aon muir-làn, 's a ràinig Lunnain -- às dèidh a bhi seòladh airson ceithir fichead 's a naoi deug là -- le beagan mhionaidean eatorra. Ged a bhuannaich an Taeping, bha an dà bhàta cho faisg air a chèile 's gun d' tug MacFhionghainn leth an airgid a fhuair e mar dhuais gu Keay, caiptean an Ariel. Gun teagamh, bha seòladairean ag ràdh aig an àm gur e an Ariel am bàta a b' fheàrr, ach gu robh an caiptean a b' fheàrr aig an Taeping: tha e air aithris nach deach MacFhionghainn sìos gu h-ìosal ach glè ainneamh fhad 's a bha an rèis a' dol air adhart is dragh air nach biodh na seòladairean eile a' cumail gu leòr siùil a n-àirde!
Gheibhear tuilleadh fiosrachadh air "Deoch Slàinte nan Gillean" agus na Tea Clippers anns na leabhraichean seo: - Caran an t-Saoghail le D. E. Meek (ed.), Birlinn 2003.
- The China Clippers le Basil Lubbock, James Brown & Son 1925 (Sixth Edition).
- The Tea Clippers le David R. MacGregor, Percival Marshall & Co. 1952.
|