le Mark Wringe Tha oràin a bhuineas do dh'àite air leth, agus a sheasas mar chomharra-pròis do mhuinntir na sgìre sin, rin cluinntinn anns a h-uile cànan agus ann an iomadh nòs ciùil. Bidh feadhainn dhiubh air bilean dhaoine - agus a' togail an sunnd - ged nach robh iad riamh san àite a tha iad a' moladh. (Cò nach cuala an t-òranaiche a dh'fhàg a chridhe air bruthach ann an San Francisco?)
Ach 's iongantach ma tha mòran cheàrnaidhean san t-saoghal Eòrpach anns a bheil òrain dùthcha cho buileach pailt 's a tha iad am measg nan Gaidheal. A bheil dùthchas Gaidheil - baile, monadh no gleann - eadar Beinn Dòbhrain, Blascaod Mór na h-Èireann, agus Baddeck ann an Canada, eadar 's gu bheil sluagh fhathast ann gus nach eil, nach deach a chuimhneachadh le gaol ann an òran Gàidhlig? "Bidh mo dhùthaich ri tighinn air m'aire". 'S dòcha gun e imrich a bhrosnaich an dualchas àraid seo. Gun teagamh, 's e an ionndrainn cuspair iomadach òran. Agus 's e 'òrain cianalais' a chanadh mòran ris a' ghnè bàrdachd seo. Gun teagamh 's e sin a bh' air Donnchadh Bàn 's e a' cuimhneachadh Coire Cheathaich: 'S duilich leam an càradh th' air Coire gorm an fhàsaich, san robh mi greis dhe m' àrach 'sa Bhràighe seo thall... Buailidh cianalas air Leòdhasach sam bith a thogas fonn ri "Eilean beag donn a' chuain", agus tha cianalas Iain Mhic Mhurchaidh air a dhùblachadh do dhuine sam bith a shiubhlas tro Ghleann Seile agus a smaoinicheas air na briathran aige: Thoir mi shoraidh le dùrachd gu Torr Loighsich nan smeòraichean 's gun ann an diugh ach tobhta aon taigh a' crìonadh bliadhna an dèidh bliadhna. Ach chan eil a h-uile òran gaol-dùthcha tiamhaidh. Bha Alasdair Mac na Ceàrdadh, à Tiriodh, a' fuireach ann an Glaschu agus bràthair aige air aineoil air taobh thall a' Chuain Siar, ach 's e toileachas, chan e cianalas a th'air an seo: 'S tu 'n tìr ìosal lurach thogas uil' ar sunnd Ged is fheudar fuireach ann am baile dubh na smùid No ann an òran eile leis: Am falbh thu leam, a rìbhinn òg? No 'n tèid thu leam thar sàile? Gum faic thu ann gach nì gu d' mhiann 'San eilein shiar a dh' fhàg mi. Chì thu Cola, Muile 's I, Eige, 's Rùm nan àrd-bheann; Tha cluaintean uaine sona sìnt' an sìth mu Theampall Phàraig. An dèidh sin 's na dhà dhèidh, tha gaol na dùthcha ann an dualchas nan Gaidheal na ghaol pearsanta, air a fhreumachadh ann am muinntir an àite, 's chan ann ann an dreach an fhearainn. Air an dòigh sin, 's e òran gaol-dùthcha, cheart cho math ri cumha do bhean a tha san òran drùidhteach Gaol na h-òige aig Uilleam Mac Coinnich, bàrd Chnoc Chusbaig. Chan e bhith ag ionndrainn cumaidhean fearann an Rubha a bhios goirt dha, ach a bhith fàgail companach a bheatha ann an ùir Bhràigh na h-Aoidh, 's gun dòigh aige air a bhith ga tadhal. Cha d' smaoinich sinn riamh 's i beò gum biodh cuan mòr gar dealachadh - Gum biodh i adhlaicte air an Aoidh Is mis' fo chraoibh an Canada Ged nach robh sinn riamh ann, tuigidh sinn an t-òran, is cuimhnichidh sinn. Gu dearbha, tha cliù iomadh àite far nach eil sluagh a' còmhnaidh an diugh, no far nach cluinnear Gàidhlig tuilleadh, air a chumail suas le seinneadairean is luchd-èisteachd. Ach mar a shìolas a' Ghàidhlig às, ciamar a bhios òrain aig àr dùthaich? |