Bu shoinmheil le Dearduil an t-òg, Agus aghaidh mar shoillse an lò, Air lì an fhithich do bha ghruag, Bu deirge nan sùgh a ghruaidh.
Ann an còmhradh sam bith air gaol, is òrain gaoil, tha aon sgeul a' seasamh os cionn cha mhòr a h-uile sgeul
eile a tha againne ann an dualchas Gàidhlig na h-Alba: sgeulachd Deirdìre (no Deirduil) agus Clann Uisne. Mar
as trice a tha tachairt le sgeulachdan dhen t-seòrsa seo tha i a' tighinn thugainn ann an iomadh diofar crutha, a'
dol air ais co-dhiù gu Leabhar Laighin (The Book of Leinster) ann an Èirinn. Agus tha criomagan dhen sgeul
againn ann an cumadh laoidh -- Laoidh Chlann Uisne -- a chaidh a thogail bho beul-aithris ann am Barraigh le Alasdair
MacGilleMhìcheil, timcheall air a' bhliadhna 1900. Tha an sgeulachd ag innse mu dheidhinn Deirdìre, nighean Colum an Clàrsair:
Dearduil thug barrachd an àilleachd,
Air mnathan eile na Fèinne,
Cha choimeasar rithse càch
Ach mar bhaideal air sgàth na reultaig.
Bha Conachar, Rìgh Ulaidh, air a cur air leth airson gum pòsadh e i. Ach mus do thachair sin, choinnich i ri
Naoise, mac Uisne, agus thuit iad ann an gaol le chèile. Theich Naoise (agus a dhà bhràthair Ardan agus
Aillein) le Deirdìre gu Alba, air falbh bho cumhachd an rìgh. Bha sonas aca ann an sin, far an robh cothrom aca
glacadh "bradan a' bhoinne bhrais a-mach air an doras, agus fiadh a' bhearraidh bhric a-mach air an uinneig." Ach, le
foill, thug Conachar air na bràithrean agus Deirdìre tilleadh a dh' Èirinn. Bhruidhinn Deirdìre an aghadh
tilleadh, agus ro-shealladh ga dèanamh iomagaineach agus brònach:
Cadal shùil is beag a tlachd
Dhan mhnaoi tha aca ri deòireachd,
Mar tha 'n oidhche falach a bòidhchead
Tha Dearduil dubhach dubh-bhrònach.
As dèidh cogadh mòr, tha feachd Chonachair a' cur às dha mic Uisne. Ach, nuair a tha saighdearan an rìgh
a' sìneadh nam bràithrean san uaigh, tha Deirdìre a' labhairt:
"Teann a-nall a Naoise mo ghràidh,
Druideadh Àrdan ri Aillein,
Nan robh ciall aig mairbh
Dhèanadh sibhse àite dhòmhsa."
agus tha i a' tuiteam marbh dhan uaigh, ri taobh Naoise.
Chan eil an iomradh goirid sin a' toirt ach blasad dhe farsaingeachd agus bòidhchead na sgeòil. Tha an laoidh
beò le ìomhaigheachd, a' cur dathan eadar-dhealaichte ann an dlùth-cheangal ri chèile. Mar a tha tachairt
anns an earrainn a th' aig tòiseach na duilleig seo -- aghaidh a' soillseachadh mar an là, falt dubh mar an
fhitheach, ach gruaidh nas deirge na sùgh. Tha ciad loidhne na laoidh, mar a thog MacGilleMhìcheil i, a'
bruidhinn air "A Chlann Uisne nan each geala / 'Is sibh an tir nam fear fuileach" . a-rithist geal nan each air a
chur ri dearg na fala. Agus tha iomadh eisimpleir eile a dh'fhaodadh tu thaghadh.
Ged a tha an ìomhaigheachd seo a' ciallachadh gu bheil an laoidh a' deàrrsadh le dath, tha 's dòcha barrachd
ann. Mar eisimpleir, tha "dearg" is "feirg" air an cur ri chèile gu tric ann an pearsa Conachar, agus aig a'
cheann thall tha sin a' gabhail a-steach deargachd dòrtadh fala. Agus tha ceanagal air a dhèanamh eadar
Deirdìre dubh-dorch 's a ghruag a tha aig a cheann-thall dubh-bhrònach.
Tha gun teagamh bròn domhainn a' ruith tron laoidh air fad: 's e seo fear dhe "Na Trì Sgeulachdan Brònach
Èirinneach" . Ach, ged a tha ceangal air a dhèanamh gu tric eadar Deirdìre agus deuran, 's e bròn
ciùin a th' ann, agus bàrdachd air leth brèagha.
Cha tig soirbheas à deas, mo nuar!
Cha 'n ìslich friodh na gaoithe tuath,
Cha tig Naos air ais ri a rè,
Cha tog e ri bruthach an fhèidh. |