
Slàinte! Nuair a thig e chun na deoch làidir, gheibh thu àbhachdas gu leòr anns na h-òrain Ghàidhlig. 'S i uaireannan air a moladh 's uaireannan air a dì-mholadh. Seo fear a bhiodh againn aig Bliadhn' Ùr agus aig Bliadhn' Aost ann am Bothan Dhail: Chan òl mi rim mhaireann i Deoch mhallaicht' tha i gràineil An t-ainm a bh' oirr' gun mheall e mi 'S e bh' ann ach uisge bàis dhomh Chan òl mi rim mhaireann i. Polais dhubh ri marcachd 'S ag amharc orm air fàire 'S mi 'g ràdha ris gach lamp-post A thighinn faisg 's gun toirinn làmh orr' Chan òl mi rim mhaireann i.
An staidhre thug i lùths asam Mo ghlùinean 's gun iad làidir An steapa mar a dhìrinn dhith Gun tuitinn trì na h-àite Chan òl mi rim mhaireann i. Bha sausages na madainn
maidne?? Aig a' chaillich anns an lardar 'S gun thòisich mi gan ithe 'S gun iad bruich ach mar a bha iad Chan òl mi rim mhaireann i. 'S e fear a' ghuail a dhùisg mi 'S e ri dùdadh leis an làraidh 'S ma chaidh e far na dh'òrdaich mi Bidh ròstadh aig a chnàmhan Chan òl mi rim mhaireann i. Bhiodh an deoch làidir air a moladh le feadhainn mar Iain Lom: "A bhean leasaich an stòp dhuinn Is lìon an cupa le sòlas Mas e branndaidh no beòir e Tha mi toileach a h-òl"
's ge b' e branndaidh no beòir e, bhiodh e na b'fheàrr dhut a stopadh sìos. Mur a b' urrainn dhut, cha bhiodh diofar leis ged a thuiteadh an t-sùil asad air a' bhòrd. Chuireadh Hearach gu cùl na còmhla thu: "Suidhidh sinn a-mhàin gu socair 'S glaodhaidh sinn air làn a' bhotail 'S òlaidh sinn gu sunndach deoch dheth Ge b' e cosg gun tig e dhuinn" Agus b' ann aig a' bhòrd a thilleadh a' mhiann 's a' chiall gu Calum a' Ghlinne: "Nam bithinn ag òl Mu bhòrd na dibhe 'S gum faicinn mo mhiann 'S mo chiall a' tighinn 'S e 'n cupan beag donn Thogadh fonn air mo chridhe 'S cha tugainn mo bhriathar Nach iarrainn e rithist Mo chailin donn òg." Fear eile a bhiodh sinn a' seinn, le Donnchadh Bàn, 's e: "Alasdair nan stòp ann an Sràid a' Chùil, Sin an duine còir air a bheil mo rùn Alasdair nan Stòp ann an Sràid a' Chùil.
Nuair a thèid mi Ghlaschu 'S taitneach leam bhith 'g òl Ann an taigh mo charaid Alasdair nan Stòp." An taigh anns an d'fhuair mac na bànrigh am branndaidh ri òl, b' e sin an Taigh-òsta a' Chrùin ann an Steòrnabhagh - far an do choinnich Duncan Dods uair ris a' Phiseag à Ceòs, agus far an do gheall e dha an cuilean a thrèanaigeadh: "Dè? ars' esan, a th' agad ri òl An gabh thu tè ruma, tè bheag no tè mhòr Tha mis' anns an dachaigh bh' aig m'athair an Ceòs Caoraich is airgead gu leòr agam. Ma-thà, tha mi 'n dùil Gun gabh sinn tè mhòr Nuair chaidh esan dhachaigh Bha car math na cheann Dol a-mach air an doras Oidhche mhath, dh'èigh e rium Chì mi thu fhathast 's bidh 'n cuilean air sreang 'S cuimhnich gun gheall thu dhomh thrèanaigeadh Ma-thà, tha mi 'n dùil Cuilean fear Cheòis." |