BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Cuspairean nan Sreatha
Laoidhean


leis an t-Ollamh Urr. Ruairidh MacLeòid

a' ghrian a' dol fodha Anns na h-eaglaisean Clèireachail air a' Ghàidhealtachd 's e sailm Dhaibhidh a bhios air an seinn anns a' bhitheantas ann an adhradh follaiseach ann an Gàidhlig. Ach anns na dachaighean bidh laoidhean air an seinn ann an coinneamhan-taighe, dàin a thàinig thugainn o na linntean a dh'fhalbh, agus cuid eile a chuireadh ri chèile anns an latha againn fhèin.

Tha beartas de bhàrdachd spioradail anns a' Ghàidhlig, anns an Eaglais Chaitligich agus gu seachd àraidh anns na h-eaglaisean Pròsdanach. Rinneadh cuid de na dàin sin ann an ceàrnaidhean mu thuath, leithid siorrachd Pheairt Shrath Spè far nach cluinnear mòran Gàidhlig an-diugh. Bha bàird spioradail ann a bha ceangailte ri eileanan beaga far an robh dualchas nan Gàidheal beothail - Maighistir Ailean ann an Eirisgeigh, Murchadh MacLeòid ann an Sgalpaigh, Lachlainn MacFhionghain ann am Beàrnaraigh na Hearadh, - agus chan eil an sin ach triùir.

Mar a tha fìor mu bhàrdachd Ghàidhlig anns an fharsaingeachd, tha bàird spioradail ann a choisinn àrd-chliù am measg an t-sluaigh - na h-ainmean mòra leithid Dhùghaill Bhochanain anns an ochdamh linn deug no Gobha na Hearadh anns an naodhamh linn deug.

Tha e 'na dhearbhadh air cho dèidheil agus a bha na Gàidheil anns gach eaglais air na laoidhean aig a' mhinistear Bhaisteach, Pàdraig Grannd, gun deachaidh an leabhar aige a chur an clò as-ùr còrr is fichead turas. Bha Pàdraig air a dhùsgadh gu spioradail tron bhàrdachd aig Dùghall Bochanan. Coltach ris na laoidhean aig Murchadh a' Cheisteir air a bheil Gàidheil fhathast cho measail, tha na faclan aig a' Ghranndach siùbhlach sìmplidh, air fuinn air a bheil an sluagh eòlach.

Ged nach cluinnear na seann laoidhean air an seinn cho tric an-diugh - ma dh'fhaoite gu robh cuid dhiubh car fada agus domhainn - bidh sreathan as na dàin sin gan togail bho àm gu àm ann an searmoinean, ann an coinneamhan-ùrnaigh, agus air Latha na Ceist aig àm Comanachaidh. Chuir Dùghall Bochanan ann an dà shreath na lìonadh iomadh searmon ann an cùbaid ann a bhith a' mìneachadh diamhaireachd teachd Chrìosd a dh'ionnsaigh an t-saoghail --

'S e 'n t-iongantas bu mhìorbhailich' chaidh innse riamh do shluagh
An Dia a bha ann o shìorraidheachd bhith fàs 'na chìochran truagh.

Cha b'urrainn teagasg Phòil mu bhunait ar teàrnadh a bhith air a chur ann am briathran nas brìoghmhoire na an fheadhainn a chleachd Dòmhnallach na Tòiseachd, searmonaiche foghainteach agus bàrd comasach --

Na rinn 's na dh'fhuiling Slànaighear mar sin an àit' a shluaigh,
'S e siud as barant dòchais dhaibh 's chan e gach gràs a fhuair.

boillsgeadh Ged a tha laoidhean Nollaig cumanta anns gach cànan, tha e iongantach cho beag agus a tha againn de laoidhean ann an Gàidhlig mu bhreith Chrìosd. Ged a chaidh Leanabh an Aigh a chur ri chèile le boireannach Baisteach agus Tàladh Chrìosda le sagart Caitligeach, tha iad air an seinn le Gàidheil a bhuineas do gach eaglais. Bidh na faclan aig Leanabh an Aigh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla anns an Laoidheadair ùr a tha Eaglais na h-Alba a' foillseachadh air an t-samhradh seo. Ach tha saoghal-bràth de dhàin spioradail againn a tha ag innse mu fhulangas agus mu bhàs Iosa. Cluinnear gu tric briathran Phàdraig Ghrannd --

'S ann tha 'n èifeachd am fuil an Uain
A chum ar n-euceartan a ghlanadh bhuainn.

Anns na sailm tha faireachaidhean de gach seòrsa a' tighinn o chridhe Dhaibhidh. Tha sin fìor cuideachd mu na laoidhean Gàidhlig. Gheibhear annta aoibhneas agus bròn, soirbheachadh agus mealladh-dùil, ionndrain agus co-chomann, an dòchas agus na duilgheadasan a tha aig a' chreidmeach. Tha na bàird a' moladh obair a' chruthachaidh agus obair an teàrnaidh. Chìthear an dàimh phearsanta a bha aig a' bhàrd no aig a' bhana-bhàrd ri Dia agus mar a bha iad airson daoine eile a theagasg agus a tharraing gu Crìosd. Chaidh mòran de na laoidhean Beurla eadar-theangachadh le bàird Ghàidhlig, agus sin le alt agus sgil, le Iain MacLeòid agus Ruairidh Dòmhnallach agus iomadh neach eile. Ach tha brìgh agus susbaint anns na dàin spioradail a chaidh a chur ri chèile air tùs anns a' Ghàidhlig nach lorgar gu bràth ann an eadar-theagachadh.

Gaol
Duthaich
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy