le Nan S. Nicleoìd 'S e do ghnè, a chogaidh, bhith sgrios, 'S b'e sin do ghnè o thùs.
Seo an tuigse a fhuair Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist (1901 - 1982) air cogaidh tro fèin-fhiosrachaidh. Bha Murchadh beò tron Chiad Chogadh Mòr; sgrìobh e "Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug", òran anns a bheil e toirt dhuinn eachdraidh dòigh beatha òigridh a' bhaile ro thoiseach a' chogaidh agus mar a chaidh "fuil dhearg nam fir-òg" -- 's e gan ainmeachadh gu gràdhach -- a dhòrtadh anns an sgrios oillteil sin (1914 - 1918). Agus mar gum biodh e airson gun drùidheadh òirnn nach eil droch bhuaidh cogaidh seachad ged a bhiodh sìth air a h-èigheachd, sgrìobh Murchadh "Raoir Reubadh an 'Iolaire'". Gheibhte tuilleadh de bheachdan Mhurchaidh air cogadh anns an leabhar aige An Toinneamh Dìomhair. Far an robh èiginn call fhir-gràidh cha sheachnadh am bàrd -- no a' bhana-bhàrd -- Gàidhlig fìor chràdh na dòrainne innse; chòmhdaichear sin ann am facail chruaidh ghuineach. 'S e crè fhuair air "rè a' bhlàir" na tha air fhàgail de dh'Iain Ruadh anns an Tuireadh a tha air ainmeachadh air. Tha a' bheatha aoibhneach le "sìoda 's sròl", le "mìre 's blasad beòil" a bha Iain Ruadh air a ghealltainn dhi air a dhubhadh às; chan eil roimpe a-nis ach saoghal gun "ghrian san speur" agus i dìth mùirn a clèibh. Buileach teann goirseachail tha an gaoir ann an "Griogal Cridhe" -- "Do cheann air stob darraich" -- tha an cìocras a tha ga stialladh nuair a dh' òladh i fhuil gus an leanadh an t-sùgh bheathail aigesan beò na cuislean fhèin. 'S i Cairistiona NicFheargais (fl. 1750) tè eile a lèir cogadh. Na h-òran "Mo Rùn Geal Òg" tha i a' sgaoileadh a-mach fa ar comhair meudachd a bròin; às eugmhais a' ghaisgich eireachdail -- adhbhar farmaid do mhnathan na dùthcha -- 's ann ionranach a tha i. Bha a gràdh dha cho làidir 's gum briseadh i lagh, moralta no sìobhalta, air a sgàth. Agus dè th' aice an-diugh dhan cholainn a bha a' cumail blàths is tèarainteachd rithe? Aon lèine lom. Tha lomnochd nan triùir bhoireannach seo soilleir anns na tuiridhean; chan eil fear an gràidh tuilleadh rin guaillean, ach 's ann bho Chairistiona NicFhearghais le na facail Bha do shlios mar an eala 'S blas na meal' air do phògan; a tha sinn a' faighinn lideadh -- ach nach eil seo gu ìre, beag no mòr, a' ruith tro gach tuireadh? Gu bheil, 's gum bi iarrtasan nàdarra am bodhaig tuilleadh gun shàsachadh. Beatha sheasg: "'S daor thu, bhuaidh, daor do phrìs". 'S e Cairistiona NicFheargais cuideach a tha a' toirt dhuinn prìomh adhbhar call a chèile -- cùis nan Stiùbhartach, gu sònraichte Teàrlach Òg Stiùbhart. Ach Cò nis thogas an claidheamh No nì chathair a lìonadh? 'S gann gur e tha air m' aire O nach maireann mo chiad ghràdh; Ach ciamar gheibhinn om nàdar A bhith 'g àicheadh nas miann leam Is mo thogradh cho làidir Thoirt gu àite mo rìgh math? A dh'aindeoin a call cha chuir i cùl ri cùis a' Phrionnsa. 'S ann le buile ait aighearach a tha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (c. 1698 - 1770) a' cur fàilte air tighinn a' Phrionnsa "Mac an Rìgh dhlighich": O, hì-rì-rì tha e tighinn O, hì-rì-rì, an Rìgh tha uainn. Agus tha e a' leantainn ann an spiorad brosnachaidh gus an cuir "ar n-àrdan 's ar n' aigne... a' phrasgan gu ruaig". Eadhon as dèidh Blàr Chùil Lodair (far na thuit cèile Cairistiona NicFheargais) 's e glè bheag dhan tùrsa a mhùch a' Ghaidhealtachd a tha faighinn àite na òrain. 'S ann a tha e a' moladh "Teàrlach, mac Sheumais, mac Theàrlaich" mar fhear a tha cho dlùth dhuinn, cho càirdeil rinn, 's nach urrainn dhuinn ach taic a thoirt dha mar mhac ar Rìgh dhlighich. 'S e cheist, ge-tà, na lean Teàrlach cho taiceil dhaibhsan a chaill gach nì a bh'aca air a sgàth, is e beò anns an Eadailt gu 1788. Cuideachd, fhuair an Kaiser, prìomh adhbhar an dòrtadh fala a bha anns an Roinn Eòrpa anns a' chiad Chogadh Mhòr, beatha fhada anns an Òlaind gu 1941. Cò bheireadh creideas dhaibhsan a tha gar brosnachadh gu sabaid nuair a chì sinn na tha eachdraidh a' teagaisg dhuinn? A rèir an Urr. Iain Mhicleòid (1918 - 1995), anns an òran aige "Nam Aonar le mo Smuaintean" chan eil e a' coimhead gu bheil mac an duine air càil fhoghlam o theagaisg ar n-eachdraidh. Ma chlaoidh sinne nàmhaid 'N-dràsta faic prìs buaidh Cridhe màthar cràidhte 'S na gillean 's an uaigh Cha dèan cliù no onair Treabhadh dhuinn no buain Cianail falamh sìth a' bhàis Cha till na fir chaidh uainn. Dè a-rèiste an adhbhar a dh'fhàg ar mic agus ar nigheanan cho deònach togail orra an aghaidh na nàmhaid? 'S maithead gu faigh sinn beagan freagairt anns an òran a sgrìobh Iain Caimbeul às an Leideig (1823 - 1897) as leth leannain shaighdeir Ghaidhealaich a chaidh air adhart dhan chath ann an cogadh a' Pheninsula (1808 - 1814) ged a bha air a dhèanamh soilleir dha gur ann an coinneamh a' bhàis a bha e a' dol. Tha dùbhlan anns a' bhrag leis a bheil na facail a' bualadh air a' chluais: Togaibh a' bhratach, a chlanna mo shluaigh-sa, Togaibh le caithreim i, togaibh le buaidh i; Tha pròis agus spionnadh anns an ìomhaigh a tha e a' toirt dhuinn dha na gillean: Nuair chìte air faiche iad len deiseachan uaine A' siubhal an rathaid 's a phìoba toirt fuaim dhaibh -- Ri aodann a' chatha is rudhadh nan gruaidhean - O cà bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud? Nach bu chòir dhuinn moit a bhith òirnn leotha, "fìor luch-fine nam fuar-bheann" a bha cho seasmhach nan spiorad agus "nach pilleadh ron fhuathas"? Agus brosnachadh dha-rìribh aig Caimbeul nuair a chanas e gur e ar dìleab mar Ghaidheil: B' i dìleab ur sinnsir an fhìor fhuil gun truailleadh, A chumadh an-àird sinn 's gach càs agus cruadal.
Siud an fhuil Ghàidhealach bha ceannsgalach, buadhmhor, Luchd-caitheimh an fhèilidh is breacan na guaille; Cha teicheadh ron nàmhaid 's chan fhaicte san ruaig iad, 'S bu làidire dh'fhàsadh mar b'àirde an cruaidh-chàs. Òran brosnachaidh. Cò nach iarradh a bhith air a mheas mar oighre dhligheach air an fhìor-fhuil ghaisgeil ud? No òran meallaidh. Co mheud neach a chaidh fhàgail -- gu litireil no gu samhlachail: aig bruaidh do lice a' bualadh mo dhà làimh. 'S e do ghnè, a chogaidh bhith sgrios 'S b'e sin do ghnè o thùs. |