le Mòrag NicLeòid Am measg luchd-bruidhinn nan cànanan Ceilteach anns an rìoghachd seo tha beartas air leth aig Gaidheil Alba de dh'òrain obrach, 's e sin òrain a bhiotar a' seinn fhad 's a bha an obair a' dol air adhart. Tha ruitheam na h-obrach a' faighinn làmh-an-uachdair annta uile. Tha sinn a' meas tàlaidhean den ghnè cuideachd.
Dh'fhaoidte òran sam bith a chur an sàs airson òran-obrach fhad 's a ghabhas e seinn ann an ruitheam na h-obrach, ach tha buidheann de dh'òrain ann ris an canar òran-luaidh, no tàladh no òran-bleoghainn no òran-maistridh. Cha do chunnt duine riamh, tha mi 'n dùil, cia mheud òran-luaidh a th'ann, ach tha moran. Tha a' chuid mhòr dhiubh a' dol air ais ron t-seachdamh linn deug, 's chan eil ro-fhios air cò a rinn ach fear no dhà dhiubh, ach 's e òrain bhoireannach a bha annta. Tha na rannan air an gabhail le aon bhoireannach agus tha sèist annta a ghabhas am banal còmhla rithe. 'S e an ruitheam as cudthromaiche anns an t-seinn, ach tha a bhuaidh fhèin aig na faclan -- feadhainn thoilichte, aotrom, feadhainn thùrsach, agus uaireannan atharrachadh o rainn tùrsach gu rainn toilichte an taobh a-staigh den aon òran. Ged a chùm obair a' chlò a' dol anns na Hearadh 's an Leòdhas na b'fhaide, 's ann ann am Barraigh 's an Uibhist a deas a b'fheàrr a mhair na h-òrain. Tha sin ri fhaicinn gu soilleir le còrr is seachd fichead a thog K. C. Craig o aon bhoireannach, Màiri nighean Alasdair, ann an Uibhist a deas dìreach mu àm deireadh a' chogaidh mu dheireadh. Ann am Barraigh 's ann an Uibhist a deas, bhiodh iad a' seinn òrain basaidh aon uair 's gu robh an clò air a chur a-steach uimhir 's a dh'iarradh iad. Bhiodh na boireannaich a' bualadh a' chlò lem boisean 's a' seinn òran aotrom luath. Glè thric seo far am biodh iad a' gabhail òran far am biodh suirghiche air ainmeachadh 's bhiodh an nighean a' gabhail ris, air neo ga dhiùltadh, le faclan air a robh iad uile eòlach. Bha tòrr fealla-dhà na lùib. Chan eil fios againn air mòran mu dheidhinn òrain iomraidh, oir bha iad air sgur mus tàinig dòigh air an obair fhèin a chlàradh. Chaidh an cumail air chuimhne on chaidh an toirt a-steach am measg nan òran-luaidh, ach chan eil fhios againn dè cho luath no cho mall 's a bha a' bhuille. Dh'aithnichte iad air sgàth 's gu robh gnothach aig na faclan ris an obair. Tha ceangal air choreigin aig an fhacal Iorram ri iomradh, ach tha deasbad mu dheidhinn. 'S e Iorram a thug an t-Urr. Uilleam MacMhathain air òrain leithid Moch mi 'g èirigh sa mhadainn, far nach eil an àireamh shreathan anns an rann an innibh a dhà no ceithir no h-ochd. Tha tàlaidhean a' gabhail a-steach faclan a tha a' buntainn ri faireachdainnean na màthar. Uaireannan bidh iad a-mach air na rudan matha a tha an leanabh a' dol a mhealadh. Bidh iad goirid le tòrr ath-aithris air na faclan 's le fonn sìmplidh, ach tha fear no dhà a tha nas fhaide, leithid Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm. Bhiodh daoine a' seinn nuair a bhiodh iad a' bleoghan a' chruidh, agus bha na h-òrain sin cuideachd a' gabhail a-steach cuspair na h-obrach. Bhiodh ainm air na beathaichean, agus e soillear gu robh tlachd mhòr aig an fheadhainn a bha gam bleoghan dhaibh: buarach shìoda dha m'aghan donn. Tha òrain bleoghainn air an cumail air chuimhne nas fheàrr on bhiodhte gan cleachdadh nan tàlaidhean. Chan eil mòran eisimpleirean ann de dh'òrain obrach eile, airson maistreadh no airson bleith, ach bha gnè na seinn anns na daoine, agus dh'fheumadh iad a bhith a' seinn far an robh ruitheam na h-obrach toirt cothrom. Leis a' bheagan a tha ann, tha na faclan a' togail air an obair. |