le Iain S Mac a' Phearsain Mar a thuirt am bàrd Palestinianach Mourid al-Barghouti, tha a h-uile càil poileataigeach: bhon chupa tì a dh'òlar sa mhadainn, (an t-àite às an tàinig an tì, na daoine a bhuain e, an tuarastal...), dhan fheadhainn a tha a dhìth a bu chòir a bhith aig bòrd ag ithe còmhla rinn is an t-adhbhar air a shon.
Ma tha a h-uile càil polataigeach ge-tà, cha b' urrainnear sgaradh soirbh a dhèanamh eadar diofar sheòrsaichean òran. Agus dearbhar puing Bharghouti le bhith a' smaoineachadh air òrain Ghàidhlig ainmeil a chluinnear aig cèilidhean is cuirmean air feadh an t-saoghail air nach smaoinicheamaid sa chiad àite mar "òrain phoileataigeach". Mar "An Eala Bhàn": an deis-meadhan òran gaoil is caoidh far am molar àite is àilleachd shònraichte, bristidh a-mach mar bhoma mar coinneimh brùidealachd is bàs truinnsichean a' Chiad Chogaidh cha mhòr anns an dol-seachad: Tha 'n talamh lèir mun cuairt dhiom Na mheallan suas 's na neòil Aig na shells a' bualadh Cha lèir dhomh bhuam le ceò Gun chlaisneachd aig mo chluasan Le fuaim a' ghunna mhòir. Agus sin e, ged a dh'ainmichear a' Fhraing a-rithist 's an teansa gura dòcha nach tig Dòmhnall Ruadh Chorùna às beò; tillidh sinn gu cridhe an òrain: moladh na h-ìghne fhèin. Ach tha fuaim is fòirneart a' chogaidh air sgleò a chur air a' chòrr, ged nach togar ceistean mar "carson" is "ciamar" air fheadh. Tha sin gu leòr: is fùdar a' ghunna mhòir a-nise a' laighe, gu samhlachail, air glinn dachaigh a' bhàird is sùilean an luchd-èisteachd. Ma thig sinn air ais nas fhaide a-rithist ('s sinn a' cumail ri òrain a sheinnear gu cumanta seach dàin) gu àm an dèidh Chùil Lodair, cha leig sinn a leas ach èisteachd ris a' chiad rann à "Mo Rùn Geal Òg" gus an rud poileataigeach fhaireachadh na bhuaidh làitheil: Och, a Theàrlaich òig Stiubhairt 'S e do chùis rinn mo lèireadh Thug thu bhuam gach nì bh' agam Ann an cogadh nad adhbhar... Gun sìan san t-saoghal ach lèine... Thèid lomnachd càs na tè seo a chur tarsainn cho sìmplidh 's a ghabhas, 's i a' bruidhinn ris a' phrionnsa aghaidh ri aghaidh mar gum biodh, 's ga choireachadh airson na chaill i: a saoghal fhèin. Ach, le bhith a' fàgail an dàrna taobh am pailteas òran mu fhuadaichean is imrichean, ("Guma slàn do na fearaibh", "Nuair a bha mi òg", "'S fhada leam an oidhche gheamhraidh"), 's na th' aca ceangailte gu cruaidh ri ceistean poileataigeach nan latha fhèin, dè mu dheidhinn poileataigs òrain Ghàidhlig an latha againn fhìn? Agus thuige sin, cha ghabh sinn seachad air Runrig gus a' cheist a fhreagairt, (bho "Fhichead Bliadhna" gu "Alba" is an còrr). Tha. Tha poileataigs fhathast a' tighinn am bàrr ann an òrain Ghàidhlig. Smaoinich air "Ùrnaigh na Ban-Tigrich" le Catrìona NicGhumaraid air clàr Capercaillie. Ach dè mun latha a th' ann? Thàinig "Fichead Bliadhna" fhèin a-mach còrr math is fichead bliadhna bhuaithe. Tha CD rim thaobh an-dràsta bho chòmhlan "ròc-punc" Mill a h-Uile Rud. Tha na h-òrain aca air fad sa Ghàidhlig. Agus seo airson an rud poileataigeach:
Dhiùlt thu Gàidhlig 'S rinn thu geum... 'S mise nam smùid Le salsa picante 'S cànan diùid... Ach, tà, canaidh cuid, tha seo buileach far an "traidisein". 'S dòcha. Ach 's dòcha gur e sin a' phuing aca: 's iad a' feuchainn ris an rud poileataigeach fhighe a-staigh dhan rud làitheil ann am baile-beag na cruinne, mas fhìor, anns a bheil sinn uile beò. Agus, nuair a thig òrain Ghàidlig a-mach, nòs sam bith, mu chogadh Iorac no slighean Chal-Mac no dad eile, bidh an rud poileataigeach air ais ann mar a bha e a-riamh. |