BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Muir
Nuair sheat sinn a ciud shiùil oirre


Èist an seo

[Na facail bhon t-seinn aig Cairistìona Sheadha.]

Sèist:
Nuair sheat sinn a cuid shiùil oirre
'S i fàgail Inbhir Uige leinn.
Nuair sheat sinn a cuid shiùil oirre.

Nuair a dh'fhàg i leinn an abhainn
Bha slios lom cho geal ri eala.
Bha i daingnicht' ann am balaist
'S cabhag chun na dùthch' oirre.

'S ann innte bha 'n giuthas làidir
Chaidh a bhuain an tìr Chanàain,
Ùrlar snìomhte mar na cnàmhan
Le na tàil a chrùnadh 'ad.

Cha b' e 'n gobha càil bu shuaraich
Chlins a' phràiseach bha na cruaidhean,
Boltaichean dhen iarainn Shuaineach -
Le na tuaigh a dhlùthadh 'ad.

Nuair a dh'fheuch sinn i gu fuaradh
'S e bun a' Ghlinn Duibh a bhuail i.
Mùirneag air timber an fhuaraidh,
'N Cuan a Tuath gu siùbhladh i.

[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]


Dhèanainn sùgradh ris an nign'nn duibh


Èist an seo

[Na facail bhon t-seinn aig Nan NicLeòid nach maireann - le taing do Sgoil Eòlais na h-Alba.]

Sèist:
Dhèanainn sùgradh ris an nigh'nn duibh
'N dèidh dhomh èirigh as a' mhadainn.
Dhèanainn sùgradh ris an nigh'nn duibh.

Dhèanainn sùgradh ris a' ghruagaich
Nuair a bhiodh an sluagh nan cadal.

Dhèanainn sùgradh an àm dùsgadh
'n àm na siùil a bhith gam pasgadh.

Air Diluain an dèidh Didòmhnaich
Dh'fhalbh sinn le Seònaid à Arcaibh.

Bha muir gorm a' ruith fo cuinnlean
'S i cur still à grunnd an aigeil.

Riof ga ceangal 's riof ga fuasgladh
Muir ma guallainn fuaim is fead oirr'.

Null ma Chaolas na Ròimh
B' fheudar dhuinn am bòm a laiseadh.

Null ma chaolas na Fraing
Maide na làimh 's gaoth ga greasad.

Cha robh ròpa feum a splaidhsadh
Air mo mhaighdeann ri tigh'nn dhachaigh.

Dh'fheumadh pòrsan thigh'nn à bùth dhith
Ged a bhiodh e crùn an cairteal.

Ged a bhiodh e crùn an òirleach
Dh'fheumadh pòrsan dheth thigh'nn dhachaigh.


[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]

Deoch slàinte nan gillean


Èist an seo

[Na facail bhon t-seinn aig Dòmhnall Mac na Ceàrdaich nach maireann.]

'S tha 'n Ariel bhòidheach gar feuchainn aig seòladh
Airson a bhith còmh' rinn 's bu chòir dhi bhith ann;
Ach le mheud 's fhuair thu dh' fhòghlam an toiseach do thòisich,
Gun bheat thu iad còmhla 'n àm crosadh na Line.

'S i ghearradh an fhairge mar shiosar air caimrig,
'S bha Chinaman mailidheach na dhealbh air a sròin;
'S i thàirngeadh an t-sùrdag air bhàrr nan tonn dùbhghorm,
Mar fhiadh anns a' bhùireadh air chùl nam beann mòr.

'S nuair a chroch thu cuid aodaich am bàrr a cruinn chaola,
'S i dh'fhalbh gu h-aotram mar fhaoileag nan tonn;
Gaoth-tuath 's i na frasan mar luaidhe ga sadadh,
'S bha fuaim aig a darach 's i sgapadh nan tonn.

'S nach gabh sinn an t-òran a rinneadh do Dhòmhnall
Bhon bha thu cho fòghlaimt' air seòladh nan long:
Choisinn e an t-urram à China gu Lunnainn
'S gur feàrr leam na m' uile gun bhuidhinn e 'n geall.


Òran a' Phort Hardy

Èist an seo

Nuair a dh'fhàg sinn Auckland 'n dol fodha na h-oidhche,
'S a fhuair sinn fo òrdugh na ròpan thoirt innt',
Thàinig poidhleat air bòrd innt' toirt òrdugh na cuibhl',
'S a thairg a' chùrs' gun a shùil air an rinn.

Bha nise 'n uair a' tighinn fagas dhol dhan bharaille 'n-àird,
Gu cumail oirr' faire gu sgaradh an là,
'S nuair bhios mi gam dhalladh aig cabhadh an t-sàil,
Thoir mo dhùrachd-sa dhachaigh gu cailinn 'n fhuilt bhàin.

Cha chluinn mi aig ceannaich', aig clachair no saor,
Air àmhghar na mara cha dèan e dhomh inns',
'S nuair gheibh esan dhachaigh 's e anshocair sgìth
'S ann thèid e don leabaidh 's a chas air an tìr.

Air oidhche na Bliadhn' Ùire bha sinn dlùth air a' chanàl,
Bha na rionnagan ciùin, 's bha cùisean cho blàth.
Bhiodh oidhch' aig na balaich am baile mo ghràidh,
Fèill air gach caileig gan caithris gu là.

Mo shoraidh chun an luchd-ceàird chuir am Port Hardy na cèis,
A lann innt' gach ribheid bho stema gu stern.
Na pleitichean iarainn bha dìonach is gleust',
'S bha einnseanan cruaidh ri toirt luath orra leum.

Bha cliù aig a' bhàt' ud gu snàmh air a' chuan,
'S a fhreagradh a stiùir chun na cùrsa 'n droch uair,
Bha scriuthaichean dùbailt', iad siùbhlach is geur,
'S bha log aig a quarter toirt àireamh dha luaths'.

'S ann tha 'n àmhghar 's an cunnart bhith siubhal a' chuain,
Gach oidhch' agus là muigh air faram nan stuadh,
Le dìth lòin agus cadail cumail fair' oirr' air gach uair,
'S bhith ri 'g èisteachd ceòl na mara bristeadh geal oirr' mun cuairt.

Na ceudan de mhìltean bho thìr bha i mòr,
Fairge dha-rìribh dìreadh mu sròin.
Bha cùrs' an ear-thuath againn shuas air a' bhòrd
Le fadachd gum buannaich i Cluaidh a' Khing George.

Is truagh nach robh m' astar gu acarsaid m' òig,
Ach an lìbhriginn an carago air tràigh a' mhoil mhòir,
Far 'eil rìbhinnean àlainn le Gàidhlig gu leòr,
'S a dhèanadh le aoibhneas dhuinn faighneachd ar beò.


Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy