Seann Ospadal an Àth Leathainn ga leagail airson taigheadais

Seann togalach Ospadal Cuimhneachaidh an Dotair MacFhionghain san Àth LeathannTùs an deilbh, RICHARD DORRELL/GEOGRAPH
  • Air fhoillseachadh

Thèid seann Ospadal Cuimhneachaidh an Dotair MacFhionghain anns an Àth Leathann a leagail ro dheireadh a' Mhàirt agus dùil gun tèid àitichean-fuirich do luchd-obrach an NHS a thogail air an làraich.

Tha togalaichean an t-seann ospadail air a bhith falamh bho 2022 nuair a dh'fhosgail an t-ospadal ùr.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a-niste air sealbh fhaighinn air an làraich bho NHS na Gàidhealtachd, gu bheil còmhraidhean fhathast aig ìre thràth a thaobh na thachras leis.

Dh'innis an t-ùghdarras ionadail ge-tà, gun robhas ag aithneachadh gun gabhadh e cleachdadh airson dèiligeadh ri gainnead taigheadais san sgìre, a' toirt a-steach àitichean fuirich do phrìomh luchd-obrach.

Thèid conaltradh poblach a dhèanamh mu phlanaichean sam bith a thèid a chur air adhart.

"Tha sinn air ar dòigh glan a bhith ag obair còmhla ri Buidheann Obrach Ospadal Cuimhneachaidh an Dotair MacFhionghain agus a' coimhead ri àitichean-fuirich a chur air dòigh do luchd-obrach slàinte mar phàirt den leasachadh, agus cuideachd a' coimhead ri cothroman eile a dh'fhaodadh a bhith ann a' dol air adhart," thuirt Stiùiriche na h-Oighreachd, nan Goireasan agus Planadh Calpa aig NHS na Gàidhealtachd, Ridseard Dòmhnallach.