
Tha mòran sheirbheisean ann an ospadal ùr.
Dh'fhosgail Ospadal ùr an Àth Leathainn anns an Eilean Sgitheanach Dimàirt.
Tha an t-ionad ùr, a chosg na milleanan, an cois a' chladaich eadar Ospadal Cuimhneachaidh an Dr MhicFhionghuin agus Ionad Meidigeach an Àth Leathainn.
Tha mòran sheirbheisean ri fhaotainn ann, mar leigheas aillse, ionad dialysis dubhagan, x-ray is ultrasound agus ionad màthaireachd coimhearsnachd.
Thuirt stiùiriche pròiseict an ospadail airson NHS na Gàidhealtachd, Tracy Ligema: "'S e là mòr a tha seo dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-dheas Rois."
Bha i ag ràdh cuideachd gun deach mòran obrach a dhèanamh airson seo a thoirt gu buil agus gun robh i airson taing a thoirt dha na daoine a bha an sàs anns a' pròiseact thar nam bliadhnaichean.
Thuirt i: "Frithealaidh an t-ospadal seo muinntir na sgìre airson iomadh bliadhna agus tha e na dhearbhadh gu bheil am bòrd slàinte airson seirbheisean slàinte is cùraim air an tuath a thoirt air adhart."
Bu chòir do dhaoine a tha a' dol chun ospadail am prìomh dhoras a chleachdadh, no an intercom an sin a bhrùthadh taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.