Casg-astair 20msu gu bhith an cuid de shràidean Steòrnabhaigh rè ùine

Thèid na caisg-astair 20msu a chur an sàs ann an Steòrnabhagh ro dheireadh na bliadhna airson bliadhna gu leth feuch an gabh an cur air stèidh mhaireannach
- Air fhoillseachadh
Thèid casg-astair 20msu a chur an sàs ann an sgìrean sònraichte am baile Steòrnabhaigh an ath-mhìos airson 18 mìosan mar phàirt de sgeama phìleatach.
Ma thèid gu math leis na deuchainnean agus ma chuireas am poball taic riutha, thèid na caisg-astair a stèidheachadh tro Òrdughan Riaghladh Trafaig.
Tha seo mar phàirt de ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba na rathaidean agus coimhearsnachdan air feadh na dùthcha a dhèanamh nas sàbhailte le barrachd sgìrean ann far nach urrainnear a dhol seachad air 20msu.
Na bu tràithe am-bliadhna, chaidh casg-astair 20msu a chur an gnìomh ann am Bàgh a' Chaisteil am Barraigh.

Mapa Comhairle nan Eilean Siar a' sealltainn far am bi na caisg-astair 20msu ann an Steòrnabhagh
Chaidh cur an aghaidh mholaidhean ann an 2021 caisg-astair a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh gu lèir, ach fon phlana ùr seo bidh iad an sàs air na sràidean faisg air Bun-sgoil Steòrnabhaigh agus Sgoil MhicNeacail.
Thathar cuideachd a' moladh caisg-astair ùra do phàirtean de Bhaile a' Mhanaich am Beinn nam Faoghla agus don Tairbeart sna Hearadh sna mìosan ri teachd.
Thèid na caisg-astair 20msu aig Sgoil Lìonail, Sgoil a' Bhac, Sgoil an t-Òib agus Sgoil Eòlaigearraidh a leudachadh, agus thèid fear a chur an sàs timcheall air Sgoil Uibhist a Tuath.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain 2025

- Air fhoillseachadh29 An Cèitean 2025
