Leanaidh casg-astair 20msu air grunn rathaidean air a' Ghàidhealtachd

Chuireadh taic ri moladh gum bi an casg-astair a bh' ann mar dheuchainn maireannach
- Air fhoillseachadh
Tha comhairlichean Gàidhealach air an taic a chur ri moladh gun tèid cumail ri casg-astair 20msu a bh' ann rè ùine air còrr is 100 de rathaidean sa sgìre.
Chaidh an t-astar ceadaichte a lùghdachadh ann an 2023 mar phàirt de sgeama pìleat mar oidhirp piseach a thoirt air sàbhailteachd rathaid.
Leis gun deach Comhairle na Gàidhealtachd a thaghadh le Riaghaltas na h-Alba airson na deuchainn seo 's e Còmhdhail Alba a phàigh air a shon.
Tha seo mar phàirt de Ro-innleachd Nàiseanta, taobh a-muigh an t-astar ceadaichte a thoirt a-nuas ann am bailtean air feadh Alba.
Thòisich conaltradh poblach aig toiseach 2025 air moladh gun leanadh an cuibhreachadh de 20msu air a' Ghàidhealtachd.
Thuirt an dàrna leth den fheadhainn a thug seachad beachd gun robh iad an aghaidh an atharrachaidh.
A dh'aindeoin sin, mhol oifigich an ùghdarrais ionadail do chomhairlichean gun tèid an casg-astair a chumail aig 20msu.

Aig coinneimh de Chomataidh na h-Eaconomaidh agus a' Bhun-structair Diardaoin bhòt deichnear bhall airson a chumail agus chuir seachdnar na aghaidh.
Thuirt Cathraiche na Comataidh, an Comh. Ken Gowans, gur e "clach-mhìle chudromach a thaobh sàbhailteachd rathaid agus ceum mòr air adhart gus an t-amas againn lùghdachadh a thoirt air na tha de thubaistean air na rathaidean againn a choileanadh".
Chaidh an t-astar aig carbadan a chlàradh mus dèach an casg-astair de 20msu a chur an sàs aig còrr is 250 làraichean air a' Ghàidhealtachd.
Thuirt an Comh. Gowans gun do sheall am fiosrachadh a fhuair iad gun tàinig "lùghdachadh air na bha de thubaistean mus deach an casg-astair 20msu a thoirt a-steach".
Thuirt e: "'S e naidheachd fìor mhath a tha seo do choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.
"Bidh e nas sàbhailte do dhaoine a bhith a' coiseachd agus a' falbh air baidhseagal, agus bidh e nas tlachdmhor sna bailtean agus àrainn nas socaire airson gach duine air an rathad."