Co-chomhairle air casg-astair 20msu air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Thòisich co-chomhairle air mar a chaidh cuid de rathaidean air Ghàidhealtachd ìsleachadh gu casg-astair 20msu bho chionn ghoirid.
Chaidh a' Ghàidhealtachd a thaghadh mar aon sgìre 'son sgeama pìleat Riaghaltas na h-Alba, mar phàirt den aonta riaghlaidh aca leis a' Phàrtaidh Uaine, 's iad ag amas air cuid de chasgan-astair 30msu ìsleachadh gu 20msu air adhbharan sàbhailteachd.
Chomharraicheadh 610 cilemeatair de rathaidean, ann an 125 coimhearsnachd, air Ghàidhealtachd.
Nam measg sin, tha cuid a tha a' Chomhairle air innse a thilleas gu 30msu tràth sa bhliadhna ùir, 's iad air am meas "gu follaiseach mì-fhreagarrach".
'S iad Riaghaltas na h-Alba a tha a' maoineachadh a' phròiseict.
Thuirt a' Chomhairle gun do sheall dàta a chruinnich iad gu bheil daoine a-niste a' dràibheadh nas slaodaiche air na rathaidean seo na bha - leithid Seann Rathad Dhùn Èideann agus Rathad Srath Fharraigaig ann an Inbhir Nis.
Sheall an dàta seo cuideachd air rathaidean ann an sgìrean dùthchail, leithid Drochaid Chàrr agus air a' phrìomh rathad tro Cheann Loch Iù.
"Tha am prògram 20msu againn a' gluasad chun na h-ath ìre," thuirt Cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh 's a' Bhun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd, Ken Gowans.
"Tha sin a' ciallachadh gu bheil sinn an-diugh (Diluain 4mh Dùbhlachd) a' cur air bhog co-chomhairle phoblaich.
"Tha e a-niste gu math cudromach gun cluinn sinn bho uiread dhaoine 's a ghabhas, biodh sin mar dhaoine fa leth, no tro bhuidhnean agus comainn choimhearsnachd, le fiosrachadh taiceil, no iarrtasan airson atharrachaidhean.
"Sheall dàta tràth gun tug seo deagh bhuaidh air mar a bhios daoine a' dràibheadh, 's tha sin gu math brosnachail.
"Le bhith a' trusadh bheachdan tron cheisteachan againn, thèid againn air tomhas iomlan a dhèanamh air a' chasg-astair ùr a thaobh taice, freagarrachd, iarrtasan airson rathaidean eile a chomharrachadh, no a thoirt às an sgeama, agus gu dearbha mar a thèid againn air a' cheann thall air piseach a thoirt air a' phrògram ron làn-cho-chomhairle phoblaich, mus tèid a stèidheachadh làn-ùine.
"Tha sinn gu mòr airson ur beachdan a chluinntinn, 's tha mi an dòchas gum freagair uiread dhaoine 's as urrainn a' cho-chomhairle.
"'S iad muinntir an àite as fheàrr a thuigeas an sgìre aca fhèin.
Bidh a' cho-chomhairle, taobh a-muigh fosgailte bho Dhiluian 4mh Dùbhlachd gu deireadh an Fhaoillich.