Dùil ri casg-astair 20msu aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air buill Comhairle na Gàidhealtachd casg-astair 20msu a stèidheachadh aig amannan trang air an rathad air beulaibh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Tha pàrantan air a bhith a' togail dragh o chionn ùine gu bheil a leithid a dhìth agus an sgoil ri taobh fear de na rathaidean as trainge sa bhaile.

Bheir rathad an A8082 - Rathad Sgaoilidh a' Chinn a Deas - trafaig bho aon taobh den bhaile chun an taoibh eile, a' seachnadh meadhan a' bhaile.

Tha e a' ruith seachad air geata na bun-sgoile, le bùth mhòr Asda air an taobh thall, le casg-astair 40msu an sàs an-dràsta.

Ach fo na molaidhean a thèid air beulaibh Comataidh Baile Inbhir Nis Diluain, dheadh soidhnichean a chur an-àirde a dh'atharraicheadh sin gu 20msu aig cuid de dh'amannan den là.

Bheireadh an casg-astair ùr buaidh air earrann 341 meatar de dh'fhaid, seachad air a' chearcall-rathaid.

Tha seo mar phàirt de phoileasaidh nàiseanta airson casg-astair 20msu a chur air rathaidean faisg air taighean far a bheileas ga mheas iomchaidh, ann an oidhirp rathaidean a dhèanamh nas sàbhailte agus airson daoine a bhrosnachadh gu còmhdhail eile seach càraichean a chleachdadh.

Thog an aithisg gun toireadh an t-atharrachadh buannachd do sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis cuideachd, leis gum bi mòran aca a' falbh tarsainn an rathaid nuair a tha iad saor.

Chaidh gearanan a thogail an aghaidh a' mholaidh, 's daoine ag ràdh gu bheil an rathad ro thrang 'son a leithid 's gu bheil àite ann far an tèid daoine tarsainn gu sàbhailte mar thà.

Tha oifigich na Comhairle a' moladh do bhuill cead a thoirt seachad 'son an casg-astair a lùghdachadh ge-tà.