Teaghlaichean Arena Mhanchester 'son 's gum bi MI5 a' tighinn fo lagh ùr

Sgrìobh teaghlaichean (deasail bhon chlì gu h-àrd) Liam Curry, Chloe Rutherford, Megan Hurley, Eilidh NicLeòid agus Kelly Brewster chun a' Phrìomhaire
- Air fhoillseachadh
Tha teaghlaichean na chailleadh an spreadhadh Arena Mhanchester ag ràdh gun deach am mealladh le MI5 agus gum bu chòir don bhuidhinn a bhith cunntachail fo lagh ùr ag amas air stad a chur air cleith-fiosrachaidh am beatha phoblaich.
Tha pàrantan Eilidh NicLeòid à Barraigh am measg nan còig teaghlaichean a chuir litir gu Sir Keir Starmer leis a' cheist: "Cia mheud turas a dh'fheumas MI5 sealltainn nach gabh earbsa cur annta mus tèid càil a dhèanamh?"
Fhuair sgrùdadh poblach nach tug MI5 "dealbh soilleir" mu na b' aithne dhaibh mun bhomair fhèin-mharbhtach a bu choireach ris an ionnsaigh san deach 22 daoine a mharbhadh, agus na ceudan eile a ghoirteachadh air an 22mh den Chèitean 2017.
Tha Bile na h-Oifis Poblaich (Cunntalachd), a tha a' dol tron Phàrlamaid an-dràsta, a' tighinn an dèidh iomairt a rinn na teaghlaichean a chaill luchd-dàimh am mòr-thubast Hillsborough ann an 1989, san do bhàsaich 97 daoine.
Fhuaireadh gun do sgaoil ceannardan poilis fiosrachadh brèige mu na thachair, gun do chuir iad an coire air luchd-leantainn Liverpool agus nach tug iad seachad an fhianais shlàn mu na h-uireasbhaidhean aca fhèin.
Fon lagh ùr, feumaidh oifigearan poblach an fhìrinn innse ann an sgrùdaidhean, feadhainn mu mhòr-thubaistean nam measg.
Nochd luchd-strì dragh gun do "mheall" an riaghaltas iad sna còmhraidhean mu mar a bhios an lagh ùr a' buntainn ri na seirbheisean tèarainteachd.
Thuirt an riaghaltas: "Tha sinn ag èisteachd ri na beachdan mu mar a ghabhas (an lagh) a bhith air neartachadh agus an tèarainteachd nàiseanta a dhìon aig a' cheart àm."

Bhàsaich 22 daoine agus chaidh na ceudan dhaoine a leòn san ionnsaigh cheannairc aig cuirm Ariana Grande am Manchester air an 22mh den Chèitean 2017
'S iad pàrantan Eilidh NicLeòid, 14, à Barraigh, Liam Curry, 19, Chloe Rutherford, 17, le chèile a South Shields, Megan Hurley, 15, à Liverpool, agus Kelly Brewster, 32, à Sheffield a th' air sgrìobhadh chun a' Phrìomhaire.
San litir thuirt iad: "Gheall sibh dhuinn gu pearsanta gun toireadh sibh a-steach lagh ùr.
"Tha sinn a-nis ag iarraidh oirbh an gealltanas sin a choileanadh le bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil an lagh ùr a' toirt a-steach nam buidhnean brathaidh agus tèarainteachd cho math ri càch.
"Sa sgrùdadh mu Arena Mhanchester, dh'innis MI5 na breugan mun fhiosrachadh chudromach a bh' aca mun bhomair fhèin-mharbhtach mus do thachair an ionnsaigh.
"Ged a dh'innis iad breugan ri sgrùdadh poblach mar seo, cha deach duine a-riamh a thoirt gu dìoladh.
"Bu chòir gum bi dleasdanas laghail air gach oifigear brathaidh agus tèarainteachd an fhìrinn innse, agus bu chòir do cheannardan nam buidhnean sin a bhith gu tur cunntachail," thuirt na teaghlaichean.
Thuirt neach-labhairt an riaghaltais: "Bidh Lagh Hillsborough Law a' cur bacadh air cleith na fìrinne, agus na chois gheibh daoine air an tug e buaidh fosgailteachd, cunntasachd agus taic.
"Bidh an lagh a' buntainn ri gach ùghdarras poblach, na buidhnean tèarainteachd nam measg.
"Tha am bile às an tig Lagh Hillsborough Law a' dol tron Phàrlamaid an-dràsta agus tha sinn ag èisteachd ri beachdan air mar a ghabhas neartachadh agus tèarainteachd na dùthcha a dhìon aig a' cheart àm."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Sultain 2021

- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2019
