Fianais mu bhàs Eilidh NicLeòid
- Air fhoillseachadh

Cha robh Eilidh NicLeòid ach 14 nuair a chaill i a beatha.
Chuala rannsachadh Bomadh Arena Mhanchester fianais Diluain mu na h-uairean mu dheireadh aig Eilidh NicLeòid à Barraigh a chaidh a mharbhadh san ionnsaigh cheannairc ann an 2017.
Bha Eilidh a bha 14 aig an àm, am measg 22 duine a chaill am beatha nuair a chaidh ionnsaigh fhèin-mhairbhteach a thoirt air an Arena às dèidh ciuirm Ariana Grande.
Tha an rannsachadh aig an ìre far a bheilear a' cluinntinn mun chloinn is na h-inbhich a chaill am beatha anns an ionnsaigh - cò ris a bha iad coltach agus dè thachair riutha mus deach am marbhadh.
Spreadhadh
Bha pàrtantan Eilidh an làthair san èisteachd Diluain.
Chaidh aithris a sgrìobh màthair Eilidh, Marion, a leughadh agus i ag innse mu là na cuirme, agus mar a bha Eilidh a' coimhead air adhart gu mòr rithe.
Mhìnich Marion nuair a chuala i an spreadhadh an oidhche sin, mar a dh'atharraich a' bheatha aca uile gu tur.
Chuala an rannsachadh gun robh Eilidh dìreach ceithir meatairean air falbh bho Shalman Abedi nuair a spreadhadh e am boma.
Thuirt eòlaichean meadaigeach nach robh dòigh ann a bhiodh Eilidh air maireachdainn beò le na lotan a dh'fhuiling i.
Thuirt Cathraiche an Rannsachaidh, Sir Iain Saunders, gur e nighean a bh' ann an Eilidh a bha air cur gu mòr ri beatha chàich, agus gum faodadh i a bhith air rud sam bith a thogradh i a choileanadh.
Tha an rannsachadh a' leantainn.