Mapa ùr còmhdhail ghnìomhaich 'son Steòrnabhaigh

Murtaza Barlas, a tha ag obair aig pròiseact Embark, le cuid de na mapaichean Tùs an deilbh, HITRANS
Fo-thiotal an deilbh,

Murtaza Barlas, a tha ag obair aig pròiseact Embark aig Treas Roinn Innse Gall, le cuid de na mapaichean

  • Air fhoillseachadh

Tha mapa ùr an-asgaidh a-niste ri fhaighinn airson daoine a bhrosnachadh a bhith ri rothaireachd no a' coiseachd timcheall Steòrnabhaigh.

Chaidh an sgaoileadh dhan a h-uile dachaigh ann an còd-puist Steòrnabhaigh, agus bidh tuilleadh leth-bhreacan rim faighinn do luchd-tadhail

Thathas an dùil gum bi am mapa ùr còmhdhail ghnìomhaich, den deach 4,000 leth-bhreac a dhèanamh, na chuideachadh do mhuinntir an àite agus luchd-turais faighinn mun cuairt.

Daoine air rothairean anns a' Ghearraidh ChruaidhTùs an deilbh, HITRANS

'S iad a' bhuidheann HITRANS a th' air na mapaichean a dhèanamh, 's iad a' feuchainn ri còmhdhail ghnìomhach a bhrosnachadh.

Tha iad a' sealltainn prìomh àitichean inntinneach a' bhaile a th' air slighean coiseachd no rothaireachd, a' Ghearraidh Chruaidh, Museum nan Eilean, Ionad-aiseig Steòrnabhaigh, an Raon-Goilf, Tom na Croiche, Abhainn Ghrìoda agus Colaiste a' Chaisteil nam measg.

Seallaidh e cuideachd dè cho fada 's a ghabhas siubhal air chois no air rothair ann an 10 mionaidean.

Mapa Còmhdhail Ghnìomhaich SteòrnabhaighTùs an deilbh, HITRANS

"'S e dòigh shìmplidh ach cumhachdach a th' ann am mapaichean ùra còmhdhail ghnìomhaich Steòrnabhaigh air daoine a chuideachadh gus roghainnean nas seasmhaiche a dhèanamh mu mar a ghluaiseas iad timcheall na sgìre againn," thuirt Oifigear Atharrachadh Dol-a-mach HITRANS, Leah NicAoidh.

"Le bhith a' comharrachadh shlighean coiseachd agus rothaireachd gu soilleir, tha sinn ga dhèanamh nas fhasa do mhuinntir an àite agus luchd-tadhail dòighean nas fhalainne 's nas uaine a lorg airson siubhail."

Tuilleadh air an sgeulachd seo