Baidhseagalan dhan a h-uile duine!

Murtaza Barlas agus Kia
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Kia dìreach an dèidh baidhseagal ùr fhaighinn bho sgeama ùr Treas Roinn Innse Gall

LeEilidh NicLeòid
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Ma tha thu nad phàrant bidh fios agad cho daor 's a tha e baidhseagalan a chumail ri clann a tha a' sìor fhàs.

Ma dh'fhaoidte gu bheil fuasgladh aig Treas Roinn Innse Gall far an do thòisich sgeama ùr san Iuchar.

Gheibh clann baidhseagal an asgaidh agus faodaidh iad a chumail gus am bi fear nas motha a dhìth orra, agus gheibh pàiste eile cothrom air an fhear a thilleas iad.

Shoirbhich gu mòr leis a' phròiseact gu ruige seo; thòisich iad le 64 rothairean agus chan eil ach mu 8 air fhàgail aca.

Tòrr bhaidhseagalan aig Treas Roinn Innse Gall Tùs an deilbh, Treas Roinn Innse Gall
Fo-thiotal an deilbh,

Bha còrr air 60 rothair aca nuair a thoisich an sgeama aig toiseach a' mhìos a chaidh

'S e an Rothair-lann (Bike Library) a chanas iad ris a' ghoireas ùr. Tha e mar phàirt de Phròiseact Embark a th' air a mhaoineachadh le Cycle Scotland agus a tha a' brosnachadh sean agus òg faighinn a-mach air baidhseagal.

Tha Murtaza Barlas na Neach-Taice leis a' phròiseact.

Theich e à Afghanistan còmhla ri a bhean, Frishta, agus am mac, Kia, an dèidh dha na Taliban smachd a ghabhail air an dùthaich bho chionn trì bliadhna.

"Tha e a' faireachdainn math a bhith a' cuideachadh dhaoine a h-uile là," thuirt Murtaza.

Kia air a' bhaidhseagal aige

Nuair a thàinig am balach beag aige a Leòdhas cha robh fiù 's comas coiseachd aige gun luaidh air falbh air baidhseagal.

Tha Kia air a dhòigh agus e dìreach an dèidh baidhseagal ùr fhaighinn bhon Rothair-lann.

Thuirt athair: "Tha iad cho daor agus bidh clann a' fàs cho cliobhar.

"Tha e cho math do chloinn a bhith ri eacarsaich mar seo agus spòrs a bhith aca."

Rebecca NicAsgaill
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rebecca NicAsgaill na Co-Òrdanaiche air Pròiseact Embark

"'S e iomairt coimhearsnachd mìorbhaileach a th' air a bhith ann," thuirt Rebecca NicAsgaill, Co-Òrdanaiche Pròiseact Embark.

"Tha daoine air leigeil fhaicinn cho taingeil 's a tha iad airson na tha sinn a' dèanamh agus tha mòran deònach taic a thoirt dhuinn.

"Tha fear ann a tha eòlach air càradh bhaidhseagalan agus tha daoine a' toirt thugainn seann bhaidhseagalan an cuid chloinne."

Tha mar a shoirbhich leis an t-seirbheis do chloinn air toirt orra smaoineachadh air mar a ghabhas leudachadh do dh'inbhich.

"'S dòcha nach do dh'ionnsaich iad rothaireachd a-riamh. B' urrainn dhuinn leasanan a thoirt dhaibh agus sealltainn dhaibh mar a nì iad obair càraidh air baidhseagal," thuirt Rebecca.

Kia agus Murtaza
Fo-thiotal an deilbh,

Tha splaoid sa Ghearradh Chruaidh a' còrdadh gu mòr ri Kia agus Murtaza

Air ais sa Ghearradh Chruaidh còmhla ri Kia agus am baidhseagal ùr aige tha buannachdan na h-iomairt coimhearsnachd foilleasach.

Ach tha barrachd an cois leithid de dh'obair na dìreach goireas baidhseagail do athair.

Thuirt Murtaza: "Fhuair mi obair agus tha mi a' dèanamh tòrr còmhraidh le mo cho-obraichean agus daoine eile sa bhaile.

"Bha e cho doirbh ar dachaigh fhàgail agus tòiseachadh às ùr. Tha a h-uile càil mòran nas fheàrr a-nis."