Oidhirp ùr gus am faigh euslaintich cùram tro mheadhan na Gàidhlig

Tha NHS na Gàidhealtachd airson cùram a thoirt do dhaoine tro mheadhan na Gàidhlig ma 's e sin a dh'iarradh iad
- Air fhoillseachadh
Tha lìonra ùr Gàidhlig aig NHS na Gàidhealtachd do luchd-obrach fileanta agus luchd-ionnsachaidh leis an amas coimhearsnachd thaiceil a chruthachadh.
'S e amas eile gun tèid aca air cùram tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt do dh'euslaintich aig a bheil i.
Rinn an t-ùghdarras slàinte suirbhidh airson faighinn a-mach cò an luchd-obrach aig a bheil an cànan agus càite a bheil iad.
A bharrachd air cothrom a thoirt do luchd-obrach an cuid Gàidhlig a chleachdadh tha iad airson agus gum faigh euslaintich buannachd às cuideachd.
"Gu h-àraidh feadhainn a tha nas sine agus le dìochuimhne, chan eil mòran cuimhne aca air a' Bheurla aca," thuirt Co-òrdanaiche Leasachaidh na Gàidhlig aig NHS na Gàidhealtachd, Ealasaid Morgan.
"Tha sinn airson 's gum bi fios againn cò a tha anns an sgìre le Gàidhlig a b' urrainn a dhol a-steach airson an cuideachadh."
Chan eil NHS na Gàidhealtachd a' coileanadh am plana Gàidhlig
- Air fhoillseachadh27 An t-Iuchar 2022
Bha e mar phàirt den Phlana Ghàidhlig aca gum bi lìonra ann do luchd-labhairt a' chànain agus dhaibhsan aig a bheil ùidh innte.
Tha grunn lìonraidhean eile aca - nam measg do mhuinntir LBTQ+ agus dhaibhsan a bha roimhe san arm - ach 's e am fear Gàidhlig as motha a tharraing daoine.
"Tha sinn air còrr is 50 neach fhaighinn san lìonra - an àireamh as motha na th' aig lìonra sam bith eile," mhìnich Ms Morgan.
Tha iad an-dràsta a' coinneachadh air-loidhne ach tha Ms Morgan ag ràdh gu bheil iad airson coinneamhan aghaidh ri aghaidh a chur air dòigh.
Tha barrachd fiosrachaidh mu lìonra Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd air an làraich-lìn aca. , taobh a-muigh