Chan eil NHS na Gàidhealtachd a' coileanadh am plana Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
NHS na Gàidhealtachd

Dh'aidich Cathraiche NHS na Gàidhealtachd gum faodadh iad a bhith a' dèanamh barrachd a thaobh na Gàidhlig.

Chuala am Bòrd Slàinte Dimàirt mu Phlana na Gàidhlig aca, a tha mar dhleastanas orra mar bhuidhinn phoblaich, agus chaidh innse dhaibh nach d' fhuair duine idir den luchd-obrach cothrom air oideachadh sa Ghàidhlig air a' bhliadhna mu dheireadh.

Bha am plana a' sònrachadh gun tachradh sin.

Ach tha iad an dùil sin a leasachadh 's dòcha le co-obrachadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheil 's Bhòid.

Leasanan Gàidhlig

Tha e mar dhleastanas air Bòrd na Slàinte dàta a chruinneachadh air mar a tha a' dol dhaibh a thoabh a' phlana Ghàidhlig aca gach bliadhna.

Air a' bhliadhna an-uiridh, fhad 's a bha am pandemic a' toirt buaidh, cha deach ach aon dreuchd a shanasachd far an robh a' Ghàidhlig ga meas riatanach.

Tha an comhairleach Gàidhlig Nicola NicThòmais a-niste ag obair dhan Bhòrd Slàinte.

Aig a' choinneimh Dimàirt, thuirt Cathraiche a' Bhùird, Boyd Robasdan, gun robh sin a' dèanamh diofair air a' bhliadhna seo.

"Tha fad a bharrachd a dh'fhaodamaid a bhith a' dèanamh," thuirt e.

"Gu mì-fhortanach, cha robh seirbheisean Nicola againn airson na bliadhna gu lèir an-uiridh, agus bha buaidh aige sin.

"Ach tha i air ais ag obair a-niste agus i gu math gnìomhach, 's tha dùil agam fada a bharrachd adhartais fhaicinn sa bhliadhna a tha romhainn," thuirt e.

A rèir a' Bhùird tha cùisean ag atharrachadh beag air bheag.

Suaicheantas

Tha dùil ri sgeama pìleat ag obair le comhairlean ionadail fo am faigheadh luchd-obrach cothrom a dhol gu clasaichean Gàidhlig.

Cuideachd, a rèir na h-aithisg, tha plana aig a' Bhòrd Slàinte airson Gàidhlig a chur air adhart nas fheàrr ann an suidheachadh làitheil.

A thaobh a bhith a' fastadh luchd-obrach, tha na sanasan aig NHS na Gàidhealtachd - a rèir 's càite a bheil an obair - a-niste ag ràdh gum bu mhiann leotha gum biodh Gàidhlig aig an tagraiche a shoirbhicheadh.

Tha NHS na Gàidhealtachd air timcheall air 300 soidhne dà-chànanach a chur suas air na togalaichean aca - Ospadal ùr an Ath Leathainn nam measg.

Tha iad a' feitheamh dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba co-dhiù am faod iad suaicheantas dà-chànanach a chleachdadh airson NHS na Gàidhealtachd.

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil iad a' cur fàilte air an adhartas aig NHS na Gàidhealtachd, agus gu bheil iad ag aithneachadh nan duilgheadasan a th' air a bhith ann thar an dà bhliadhna mu dheireadh.