Co-chonaltradh lioncs a' tòiseachadh

LioncsTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh buidheann charthannasan ath-fhiadhachaidh sreath de choinneamhan co-chonaltraidh ann an coimhearsneachan air feadh na Gàidhealtachd Diluain mun lioncs a thilleadh dhan sgìre.

Thuirt a' bhuidheann, air a bheil Lynx to Scotland, gum feumadh taic a bhith ann bhon mhòr-shluagh.

Chaidh fios a-mach gu 89,000 dachaigh air feadh 37 còd-puist air thoiseach air a' chiad sheisean fiosrachaidh phoblaich ann an Talla Chanaich.

Mairidh am pròiseas mìos, le 42 seisean ann a 21 àite,, taobh a-muigh le cothrom còmhraidh is ceistean a chur.

Ma thèid am plana air adhart dheadh mu 20 lioncs a leigeil mu sgaoil, le colairean rèidio orra, thairis air beagan bhliadhnaichean.

Tha iad mu mheud choin-chaoraich, agus luchd-glèidhteachais ag ràdh gu bheil iad diùid ro dhaoine, a' sealg fhiadh.

'S ann aig tuath a tha cuid den àrainneachd as fheàrr an Alba airson an lioncs, agus dùil aig a' bhuidhinn gun tigeadh suas ri 250 de na cait beò ann.

Thuirt Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach gu bheil na molaidhean gu tur mì-fhreagarrach do thuathanaich agus do chroitearan agus gu bheil iad a' cur sprèidh, ghnothachasan agus choimhearsnachdan dùthchail ann an cunnart.

Thuirt an t-aonadh gu bheil iad a' toirt taic do bheachd Riaghaltas na h-Alba nach bu chòir an lioncs air no beathaichean mòra eile a leigeil mu sgaoil ann an Alba.