Beachdan gan sireadh mu sgaoileadh an lioncs aig tuath

Lioncs anns an t-sneachdTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid beachdan iarraidh air coimhearsnachdan air Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh mu bhith a' stèidheachadh an lioncs às ùr.

Tòisichidh sreath de thachartasan air a' mhìos seo, air an ruith leis a' chompàirteachas Lynx to Scotland.

Bha connspaid ann nuair a chaidh ceithir lioncs a leigeil mu sgaoil gu mì-laghail ann am Bàideanach o chionn bliadhna.

Cha robh iad air an ullachadh airson tighinn beò gun taic, agus bhàsaich fear aca an dèidh a ghlacadh faisg air Ceann a' Ghiùthsaich 's e air fulang bho chion a' bhìdh.

'S ann aig tuath a tha cuid den àrainneachd as fheàrr an Alba airson an lioncs, agus dùil aig a' bhuidhinn gun tigeadh suas ri 250 de na cait beò ann.

Tha dùil ge-tà, ma thèid e air adhart, gun deadh mu 20 a leigeil mu sgaoil, le colairean rèidio orra, thairis air beagan bhliadhnaichean.

Tha iad mu mheud choin-chaoraich, agus iad diùid ro dhaoine, a' sealg fhiadh.

Leis na tha de dh'fhèidh ann an Alba 's a' bhuaidh a tha iad a' toirt air coilltean agus bith-iomadachd san fharsainneachd, tha iarrtas air a bhith aig luchd-glèidhteachais o chionn ùine gum biodh sealgair leithid an lioncs anns an dùthaich às ùr.

Thathas ag iarraidh cluinntinn mu dhraghan dhaoine agus buannachdan a tha daoine a' faicinn a thigeadh an cois nam beathaichean.

Thòisich Lynx to Scotland, a tha na chompàirteachas eadar na buidhnean carthannais SCOTLAND: The Big Picture, Trees for Life agus The Lifescape Project, a' beachdachadh air mar a ghabhadh an lioncs tilleadh gu cruth-tìre na Gàidhealtachd ann an 2020.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil feum air taic na coimhearsnachd, measadh saidheansail agus planadh mionaideach airson 's gun soirbhicheadh leithid de dh'iomairt.

"Thèid aig an lioncs air soirbheachadh gu mòr an ceann a tuath na h-Alba, ach tha e a cheart cho cudromach gum bi an sluagh leagte ris - 's mar sin tha sinn a' coimhead gu mionaideach ri mar a tha daoine a' faireachdainn mu bhith a' tilleadh a' bheathaich chudromaich dhùthchasaich seo," thuirt àrd-stiùiriche Trees For Life, Steve Micklewright.

Dheadh sùil a chumail air a' bhuaidh a bheireadh iad air fèidh, agus feuch am bi iad a' sealg chaorach is eile.

Tha dùil gum biodh iad a' tàladh luchd-turais cuideachd.

Paidhir lioncsTùs an deilbh, Getty Images

'S i Alba tè de ghlè bheag dhùthchannan far am biodh an lioncs gu nàdarra far nach eil am beathach ann an-diugh, agus dùil gun robh measgachadh de shealg agus crìonadh àrainneachd air cur às dhiubh o chionn linntean.

"Tha Alba air barrachd de a cuid fiadh-bheatha nàdarra a chall na cha mhòr dùthaich sam bith eile," thuirt àrd-stiùiriche SCOTLAND: The Big Picture, Lisa Chilton.

"Dh'fhaodadh e cuideachadh ann a bhith a' cothromachadh na h-àrainneachd nan deadh an lioncs a thilleadh, gus beatha ùr a chur ann an cruthan-tìre na Gàidhealtachd agus Mhoireibh, ach bhiodh e riatanach seo a dhèanamh ann an dòigh chùramaich, chiallaich, a' freagairt cheistean agus dhraghan."

Chaidh fios a-mach gu 89,000 dachaigh air feadh 37 còd-puist air thoiseach air a' chiad sheisean fiosrachaidh phoblaich air an 26mh là den Fhaoilleach.

Mairidh am pròiseas mìos, le 42 seisean ann a 21 àite, le cothrom còmhraidh is ceistean a chur.