Maoineachadh spòrs anns na h-Eileanan an Iar a' fuireach aig an aon ìre

Camanachd Leòdhais le bratach Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh.Tùs an deilbh, Camanachd Leòdhais
Fo-thiotal an deilbh,

Camanachd Leòdhais, a tha am measg iomadh buidheann spòrs anns na h-Eileanan an Iar a tha a' faighinn taice tro shiostam Clubspòrs

  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Comataidh Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar gus maoineachadh airson na buidhnean Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh is Clubspòrs Uibhist is Bharraigh a chumail aig an aon ìre.

'S iad na buidhnean seo a tha a' cumail taic-airgid ri clubaichean is buidhnean spòrs aig ìre na coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar.

Gheibh iad £10,000 is £6,000 ann an 2025/26.

Chaidh buidseatan nam buidhnean a ghearradh roimhe ann an 2024/25 bho £13,000 is £8,500.

Ged a dh'iarr Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh gun rachadh am maoineachadh acasan a thilleadh gu £13,000, dh'aontaich a' chomataidh a chumail aig an aon ìre.

Thuirt aithisg a chaidh air beulaibh na comataidh gu bheil am prògram maoineachadh aig Clubspòrs Leòdhais is na Hearadh is Clubspòrs Uibhist is Bharraigh ag obair gu math is gu bheil e a' brosnachadh dhaoine gu h-ionadail gus a dhol an sàs ann an spòrs "aig a h-uile ìre".

Thuirt e cuideachd gu bheil cunnart ann nach ruig luchd-spòrs ionadail an ìre as àirde as urrainn dhaibh mura h-eil airgead ann an cur gu farpaisean air tìr-mòr is farpaisean eadar-eileanach.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte

Tuilleadh air an sgeulachd seo