Sgeama taice nan lùth-chleasaichean fosgailte

Snàmh
  • Air fhoillseachadh

Tha sgeama taice do lùth-chleasaichean nan Eilean Siar air fosgladh a-rithist.

Chaidh an iomairt a stèidheachadh bho thùs ann an 2018 mar sgeama pìleat.

'S e an t-amas lùth-chleasaichean eileanach a chuideachadh le cosgaisean siubhail gus am bi cothrom aca air farpais is goireasan trèanaidh air tìr-mòr.

Tha an sgeama a-nise air bun-stèidh chinntich is dà chothrom aig luth-chleasaichean gach bliadhna taic iarraidh.

Faodaidh iad suas ri £750 fhaighinn gach turas.

Tha cothrom ann a-nise tagradh airson taic a dhèanamh eadar Diluain an 26mh den Lùnastal agus an 16mh den t-Sultain.

Bidh taic ann dhan fheadhainn a shoirbheachas bhon Dàmhair 2024 chun a' Ghiblein 2025.

Tha an sgeama fosgailte do lùth-chleasaichean a fhuair airgead sa chuairt maoineachaidh mu dheireadh, cho fad 's gun cuir iad fianais air adhart gus taic a chumail ris an iarrtas aca.

Gheibhear tuilleadh fiosachaidh an seo, taobh a-muigh.

Tha sportscotland a' cumail taic-airigid ri Comhairle nan Eilean Siar gus an sgeama a ruith, is an aon sgeama ann cuideachd ann an Arcaibh agus ann an Sealtainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo