Taic ùr do luchd-spòrs eileanach
- Air fhoillseachadh

Chaidh stòras airgid a stèidheachadh gus luchd-spòrs eileanach a chuideachadh.
Thathas an dòchas gun cuidich an t-airgead iad a bhith a' farpais air Tìr-Mòr.
Bidh £45,000 san stòras.
Bidh cothrom aig suas ri ochdnar lùth-chleasaichean às na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn air suas ri £1500 an duine fhaighinn airson an cuideachadh le cosgaisean.
'S e sgeama pìleat a tha seo a mhaireas trì bliadhna.
Co-bhanntachd
Tha an t-airgead a' tighinn bho Chrannchar Nàiseanta agus Riaghaltas na h-Alba le taic cuideachd bho na comhairlean eileanach fhèin.
Thèid a ruith le SpòrsAlba.
"Thill an sgioba againn à Geamaichean nan Eilean an 2017 le buinn a bharrachd na fhuair iad a-riamh roimhe, is tha sinn an dòchas togail air sin", thuirt cathraiche Comataidh Spòrs Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas MacCarmaig.
"S e sgeama air leth a tha seo is nì e cinnteach gum faigh na lùth-chleasaichean againn an taic a tha dhìth orra gus ceann a' mhaide a chumail ri feadhainn eile", thuirt e.
Tha an sgeama a' fosgladh air a' mhìos seo le pròiseas tagraidh an toiseach, is na comhairlean an uairsin a' cur adhart an fheadhainn a gheibh taic.