Caibideal ùr do Chamanachd Leòdhais

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Camanachd Leòdhais gu h-oifigeil gur iad Connor Chalmers is Donnie MacRath a bhios os cionn na sgioba air an t-seusan seo.
Bha beàrn ann is Donnchadh Mac an t-Saoir is Anndra MacAsgaill air innse san t-Sàmhain gum biodh iad a' seasamh sìos.
Bha Mac an t-Saoir air a bhith dà thuras na mhanaidsear air a' chluba is e air na Leòdhasaich a stiùireadh dhan àite as àirde aca san lìog a-riamh.
Ann an brath air na meadhanan sòisealta dh'innis Camanachd Leòdhais gu bheil Chalmers is MacRath air aontachadh an stiùir a ghabhail mar cho-mhanaidsearan.
Chluich Chalmers 'son a' chluba 'son a' chiad turas sa chiad sheusan aca san lìog ann an 2011 is tha e air cliù a chosnadh às ùr bho chaidh e eadar na puist ann an 2024.
Tha ceanglaichean làidir Hearach aig Donnie MacRath is tha e air na tadhail a fhrasadh a-steach bho chluich e dha na Leòdhasaich an toiseach ann an 2022.
Gu seo, chuir MacRath 61 tadhal ann an 61 geama dha Camanachd Leòdhais.
Tòisichidh an seusan ùr sa Mhàrt.