Sgioba stiùiridh Camanachd Leòdhais air seasamh sìos

- Air fhoillseachadh
Tha manaidsear is leas-mhanaidsear Camanachd Leòdhais air na dreuchdan aca fhàgail.
Bha Donnchadh Mac an t-Saoir dà thuras na mhanaidsear air a' chluba is e air na Leòdhasaich a stiùireadh dhan àite as àirde aca san lìog a-riamh.
Chrìochnaich iad san dàrna àite ann an Lìog Tuath 2 ann an 2023 is 2024.
Thuirt Mac an t-Saoir gu bheil e den bheachd gu bheil an t-àm ann ceum air ais a ghabhail.
"'S e co-dhùnadh fìor dhoirbh a bha seo ach tha mi a' smaointinn gur e an rud ceart a th' ann 'son a' chluba is feum air beachdan ùra aig an stiùir.
"Tha mi cho moiteil às a h-uile cluicheadair a chluich dhuinn san trì bliadhna mu dheireadh is abair gun do rinn sinn adhartas.
"Tha Camanachd Leòdhais air a bhith fìor chudromach dhomh nam bheatha ann an iomain is bidh a chaoidh", thuirt e.
Thuirt Anndra MacAsgaill gun robh ochd bliadhna air leth aige mar leas-mhanaidsear.
"Thòisich mi às dèidh seusan nuair a thog an cluba aona phuing air a' phàirc is tha mi a' crìochnachadh is sinn a' farpais airson tiotalan.
"Tha mi a' faireachdainn nam chridhe gur e seo an cluba as fheàrr san t-saoghal".
Chrìochnaich na Leòdhasaich seusan 2025 san treas àite san lìog.