Rabhadh deigh gu madainn Dimàirt is tuiltean a' tighinn le aiteamh an t-sneachda

Tuil air an A90 ann an Siorrachd Obar DheathainTùs an deilbh, FUBAR NEWS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuid de rathaidean mòra na dùthcha dùinte le tuiltean

  • Air fhoillseachadh

Tha rabhadh buidhe an sàs aig Oifis na Sìde airson deigh air feadh mòran de cheann a tuath agus ear-thuath na h-Alba bho 7:00f Diluain gu 10:00m Dimàirt., taobh a-muigh

Seo agus cuideachd tuiltean a' toirt buaidh ann an cuid de sgìrean de dh'Alba le uisge trom an cois aiteimh an t-sneachda.

Tha 19 rabhaidhean tuile, agus 12 aire tuile,, taobh a-muigh an sàs aig SEPA timcheall na dùthcha.

Tha an A83 dùinte aig an Rest and Be Thankful, 's trafaig ga cur taobh Seann Rathad an Airm.

Thuirt Bear Alba gun deadh co-dhùnadh a dhèanamh ro 12:00f mu bhith a' fosgladh a' phrìomh rathaid a-rithist an dèidh dhaibh coimhead ris an leathad os a chionn.

Tha an A9 dùinte gach taobh le tuil aig Blàr Athaill, agus tha an A92 ann an Siorrachd Obar Dheathain cuideachd dùinte gach taobh.

An suidheachadh aig Seann Rathad an Airm madainn Diluain
Fo-thiotal an deilbh,

An suidheachadh aig Seann Rathad an Airm madainn Diluain

Aimsir Gheamhradail

Tha an t-uisge trom a' tighinn an dèidh seachdain de dh'aimsir gheamhradail air feadh a' chinn a tuath a dhùin na ceudan sgoiltean air a' chiad sheachdain den teirm ùr.

Tha mu 12 sgoil ann an Siorrachd Obar Dheathain fhathast dùinte, ged a tha sgoiltean air Ghàidhealtachd air fosgladh às ùr.

Dh'iarr na h-ùghdarrasan air daoine a bhith furachail.

"Tha uisge trom, leantainneach, a thuilleadh air aiteamh an t-sneachda, ga fhàgail nas coltaiche gum bi tuiltean ann," thuirt manaidsear dleastanais thuiltean aig SEPA, Dàibhidh Morgan.

"'S ann mu Ghall-Ghàidhealaibh, taobh siar, agus ceann a tuath na h-Alba as motha a tha an cunnart a thaobh thuiltean."

Tuilleadh air an sgeulachd seo