An lagh agus ceartas eucorach ann an AlbaDè th' ann an siostam èisteachd na cloinne ann an Alba?

Tha siostam a' cheartais ann an Alba a' gabhail a-steach a' phoilis, na cùirtean agus na prìosain. Tha pàirt chudromach aig gach pàirt de shiostam ceartais na h-eucoir eadar a bhith a' dìon a' phobaill agus a' bacadh eucoir, gu bhith a' co-dhùnadh air ciont no neoichiontachd agus a' toirt do peanas do dhaoine a bhriseas an lagh.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè th' ann an siostam èisteachd na cloinne ann an Alba?

Tha siostam èisteachd na cloinne sònraichte aig Alba a tha gu math diofraichte bho shiostaman ceartais chloinne a tha rim faighinn sa chòrr dhen RA.

Dealbh a' sealltainn cò bhios an làthair aig Èisteachd Chloinne

Fo lagh na h-Alba, chan eil clann fo 12 air am meas deiseil airson uallach a ghabhail airson eucoirean a nì iad, ach faodar an cur gu èisteachd na cloinne air iomadh adhbhar. Cha tèid beachdachadh air casaid a thogail anns a' chùirt an aghaidh dhaoine fo aois 16 ach airson nan eucoirean as miosa.

Chan eil èisteachd na cloinne idir coltach ri cùisean sa chùirt. Tha iomadh adhbhar ann airson an cumail, nuair a tha iomagain air cuideigin mu leanabh no mu chor neach òg, agus chan ann a-mhàin nuair a tha amharas ann mu eucoir. 'S e an rud as cudromaiche anns na cùisean seo, gu bheilear a' co-dhùnadh an t-slighe air adhart as fheàrr airson a' phàist'/neach-òg – chan e a bheil iad ciontach no nach eil, no am bu chòir dhaibh a bhith air am peanasachadh.

Tha na coinneamhan cho neo-fhoirmeil 's a ghabhas gus am bi am pàist/neach òg a' faireachdainn cho cofhurtail 's as urrainn dhaibh a bhith airson na beachdan agus faireachdainnean aca a chur an cèill air beulaibh a' phannail.

Tha Pannal na Cloinne air a dhèanamh suas le buill bho gach seòrsa coimhearsnachd agus tha iad ag obair dhan phannal gu saor-thoileach. Bidh trì buill air gach pannal agus bidh fireannaich agus boireannaich air an riochdachadh. Tha mu 2,500 neach air feadh Alba a' suidhe air Pannal na Cloinne. Thathar a' taghadh nan daoine seo gu cùramach agus tha iad a' faighinn mòran trèanaidh airson na h-obrach.

More guides on this topic