Dè na diofar bhreithean a th' ann an cùirtean Alba?
Cia mheud breith a th' ann a dh'fhaodar a thoirt?
Faodaidh cùirtean na h-Alba trì co-dhùnaidhean a ruighinn: aon a tha a' ciallachadh gun tèid binn a thoirt seachad ('ciontach'), agus dhà a tha a' ciallachadh nach tèid ('neoichiontach' agus 'gun dearbhadh').
Mar sin, tha trì breithean ann a dh'fhaodar a thoirt:
- neoichiontach
- gun dearbhadh
- ciontach
Neoichiontach
Tha breith 'neoichiontach' a' ciallachadh às dèidh èisteachd ris an fhianais agus a sgrùdadh, gun d' fhuair am maor-sìthe, an siorram no an diùraidh nach robh an neach fo chasaid ciontach dhen eucoir a bha air a chur às a leth agus gu bheil iad saor.
Gun dearbhadh
Chan eil a' bhinn 'gun dearbhadh' ach ann an Alba a-mhàin agus tha i air a bhith caran connspaideach san àm a dh'fhalbh. Tha gun dearbhadh a' ciallachadh gu bheil an diùraidh dhen bheachd gur dòcha gun do rinn an neach fo chasaid an eucoir, ach chan eil fianais gu leòr aca anns nach eil teagamh sam bith airson binn chiontach a thoirt seachad.
Ann an 2024, thathar an dùil gun tèid Bile nam Fulangaich, nam Fianaisean agus Ath-leasachadh Ceartais (Alba) a dhèanamh na lagh agus gun cuir sin às dhan bhinn 'gun dearbhadh'.
Ciontach
Tha breith 'ciontach' a' ciallachadh gu bheil a' mhòrchuid dhen diùraidh (no uaireannan siorram no britheamh a-mhàin), às dèidh èisteachd ris an fhianais agus a sgrùdadh, dhen bheachd 'seachad air teagamh reusanta' gu bheil an neach fo chasaid ciontach dhen eucoir a bha air a chur às a leth. Ma thèid cuideigin fhaighinn ciontach de dh’eucoir, tha e an uair sin an urra ris an t-siorram no ris a' bhritheamh a tha os cionn na cùise, dè am peanas, ma bhios peanas ann, a thèid air an dìonadair.
Peanasan no rèiteachaidhean
Nuair a thèid cuideigin fhaighinn ciontach de dh'eucoir an dèidh cùis-lagha anns a' chùirt, tha grunn roghainnean aig siorraman no britheamhan a thaobh peanas no rèiteachadh mar:
- Rabhadh
- Peanas ionmhasail no càin
- Obair a dhèanamh gun phàigheadh (Sgeama Dìolaidh na Coimhearsnachd)
- Òrdugh Bacadh Saorsa (Restriction of Liberty Order no ROLO) far a bheil taga ga chur mu adhbrann eucoraich gus an saorsa a bhacadh
- Òrdugh Deuchainn is Leigheas Dhrogaichean (Drug Treatment and Testing Order no DTTO) far a bheil giùlan eucorach co-cheangailte ri mì-chleachdadh dhrugaichean
- Binn prìosain