Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An lagh agus ceartas eucorach ann an AlbaNa poilis ann an Alba

Tha siostam a' cheartais ann an Alba a' gabhail a-steach a' phoilis, na cùirtean agus na prìosain. Tha pàirt chudromach aig gach pàirt de shiostam ceartais na h-eucoir eadar a bhith a' dìon a' phobaill agus a' bacadh eucoir, gu bhith a' co-dhùnadh air ciont no neoichiontachd agus a' toirt do peanas do dhaoine a bhriseas an lagh.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Na poilis ann an Alba

Thàinig Seirbheis Poileas na h-Alba (Police Scotland) gu bith air 1 Giblean 2013. 'S e aon fheachd phoileis nàiseanta a th' ann a-nis, an àite nan ochd feachdan a bh' anns an dùthaich roimhe. Bha Riaghaltas na h-Alba dhen bheachd gum biodh aon fheachd na b' èifeachdaiche ann a bhith a' dèiligeadh ri eucoir agus na bu shaoire a ruith.

Dealbh a' sealltainn obair nam poilis ann an Alba

Dè an obair a tha aig na poilis?

'S e prìomh dhleastanas nam poileas a bhith a' dìon choimhearsnachdan. Tha seo a' ciallachadh, cho fad 's a tha comasach, gum bi iad a' cur stad air eucoir. Ach, ma bhios eucoir air a dhèanamh, bidh iad ga rannsachadh agus a' cur an fheadhainn a tha iad an amharas a rinn e an grèim.

Mar sin, 's e obair nam poileas:

  • sìth a chumail am measg a' phobaill
  • stad a chur air eucoir
  • eucoirich a ghlacadh
  • smachd a chumail air trafaig
  • eucoirean a rannsachadh

A' cumail na sìthe

Dithis oifigearan poileas a' cumail sùil air luchd-leantainn ball-coise
Figure caption,
Bidh na poilis a' cumail suas òrdugh poblach aig tachartasan mar ball-coise, togail fianais-dhùbhlain agus mèarrsadh

Bithear tric a' faicinn Seirbheis Poileas na h-Alba nuair a tha iad a' cumail rian agus smachd air cruinneachaidhean mòra de dhaoine. Glè thric, bidh seo aig tachartasan mòra spòrs, no nuair a tha daoine a' togail fianais. Feumaidh am poileas a bhith ann airson dèanamh cinnteach gu bheil na daoine a tha an làthair sàbhailte agus nach eil duine sam bith a' briseadh an lagha.

Bacadh eucoir

Tha e nas fheàrr mas urrainn dha na poilis stad a chur air eucoirean mus tachair iad. Tha tòrr de dh'ùine agus de dh'obair nam poilis ga chosg air ionnsachadh a thoirt do dhaoine mu shàbhailteachd phearsanta agus a' coimhead às dèidh an cuid. Bidh iad cuideachd ag innse dhan phoball mun bhuaidh a bhios aig eucoirean sònraichte, leithid giùlan sgeinean no dràibheadh leis an deoch.

A' glacadh eucoraich

Faodaidh na poilis daoine a tha fo amharas eucoir a ghlacadh. Faodaidh iad seo a dhèanamh airson grunn adhbharan, me:

  • gus neach fo amharas a cheasnachadh
  • gus neach a chur fo chasaid ma tha fianais gu leòr aca
  • ma chaidh barantas-glacaidh a thoirt seachad le cùirt

Faodaidh Seirbheis Poileas na h-Alba daoine a stad agus coimhead a bheil dad mì-laghail aca air am pearsa. Faodaidh iad seo a dhèanamh às aonais barantas ma tha iad an amharas gu bheil an neach a' giùlan gin de na rudan seo:

  • drogaichean
  • uidheam chunnartach leithid sgian no gunna
  • rudeigin a chaidh a ghoid
  • deoch-làidir, ma tha duine a' siubhal gu prìomh thachartas spòrs, gu h-àraidh air còmhdhail phoblach
  • airgead, no luach airgid nas motha na £1,000, a fhuair iad tro bhriseadh an lagha
  • teintean-ealain, ma tha oifigear poileis dhen bheachd gu bheil duine an dùil an cleachdadh ann an dòigh neo-shòisealta

A' cumail smachd air trafaig

Tha an t-uallach air na poilis laghannan trafaig rathaidean a chur an gnìomh, stiùireadh trafaig agus sàbhailteachd rathaidean.

Am measg eucoirean trafaig air rathaidean, tha:

  • dràibheadh cunnartach
  • dràibheadh fo bhuaidh deoch no drugaichean
  • cus astair

Tha seo na phàirt mhòr de dh'obair nam poilis. Ann an 2022-23, b' e eucoirean trafaig a bh' ann an 63% dhe na h-eucoirean gu lèir a chaidh a chlàradh ann an Alba. (Stòr: Riaghaltas na h-Alba)

More guides on this topic