Dè th' anns an t-siostam chùirtean ann an Alba?
Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mu na diofar sheòrsaichean chùirtean ann an Alba.
Find out about different parts of the Scottish criminal justic system and court system.
'S e obair Neach-casaid a' ChrùinBidh Oifis a' Chrùin agus Seirbheis Neach-casaid a' Chrùin a' togail chasaidean agus a' rannsachadh bhàsan ann an Alba. Bidh Neach-casaid a' Chrùin a' beachdachadh air cùisean, a' measadh na fianais agus a' co-dhùnadh dè thachras, le casaidean eucoir nam measg. co-dhùnadh dè a' chùirt anns an cluinnear cùis eucoir. Bidh an co-dhùnadh seo stèidhichte air dè cho dona 's a bha an eucoir air a meas. 'S e murt agus eucoir ainneartach an-còmhnaidh na h-eucoirean as miosa.
Bidh diofar sheòrsaichean chùirtean ann an Alba a' dèiligeadh ri diofar sheòrsaichean eucoirean.
Dè th' ann an Cùirtean Maor Ceartais?
Aig an ìre as ìsle de chùirtean eucoir, bidh a' Chùirt Sgìre a' dèiligeadh ri daoine a tha air eucoir bheag a dhèanamh, leithid:
- briseadh na sìthe
- ionnsaighean nach eil ro bhorb
- eucoirean dràibhidh nach eil ro chunnartach
- goid
Faodaidh Maor-ceartais càin airgid suas gu £2,500 a thoirt seachad mar pheanas no daoine a chur dhan phrìosan airson suas ri 60 latha.
Dè th' ann an Cùirtean Siorraim?
Tha Cùirtean Siorraim air feadh Alba airson dèiligeadh ri eucoirean a tha ro dhona airson Cùirt Maor Ceartais ach nach eil dona gu leòr airson Àrd-chùirt. Mar eisimpleir:
- goid
- drugaichean a bhith agad
- a' mhòr-chuid de dh'ionnsaighean
Faodaidh cùirtean siorraim èisteachd ri cùisean gun diùraidh.
Bidh geàrr-chùisean air an cumail le siorram a-mhàin. 'S e am peanas as fhaide 12 mìosan ann am prìosan agus/no càin £10,000.
Bidh cùisean sòlaimte air an cumail le siorram air beulaibh diùraidh. Faodar binn a thoirt suas gu còig bliadhna prìosain no càin neo-chrìochnach.
Dè th' ann an Àrd-chùirt a' Cheartais?
'S e an Àrd-chùirt an cùirt-eucoir as àirde ann an Alba.
Tha Àrd-chùirtean a' suidhe ann an Dùn Èideann, Glaschu agus Obar Dheathain far a bheil na togalaichean stèidhte aca. Bidh an Àrd-chùirt a' dèiligeadh ri na h-eucoirean as miosa, leithid:
- murt
- èigneachadh
- mèirle le gunna
- reic dhrogaichean
- eucoir co-cheangailte ri feise le clann
Tha diùraidh an-còmhnaidh an sàs ann an cùisean anns an Àrd-chùirt. 'S e peanasan anns an Àrd-chùirt an fheadhainn as cruaidhe a th' ann oir chan eil crìochan idir air an ùine a dh'fhaodas cuideigin a dhol dhan phrìosan no air a' chàin a dh'fhaodas iad fhaighinnstrong>.
Dè th' ann an Cùirt an Tagraidh?
Airson nan cùisean eucoir ann an Alba, 's e Cùirt an Tagraidh a' chùirt as àirde anns an dùthaich.
Dè th' ann an Cùirt an t-Seisein / Prìomh Chùirt na RA?
A thaobh chùisean-lagha neo-eucorach (cùisean catharra) 's e Cùirt an t-Seisein a' chùirt as àirde ann an Alba, ged a dh'fhaodar èisteachd ri tagraidhean ann am Prìomh Chùirt na RA.