Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Eucoir ann an Alba agus anns an RADè th' ann an eucoir?

Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachras ann an òige, ìmpidh cho-aoisean, mì-fheum de dheoch-làidir agus de dhrugaichean a bhith co-cheangailte ri carson a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha iomadh droch bhuaidh aig eucoir.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè th' ann an eucoir?

'S e rudeigin a tha an aghaidh lagh na dùthcha a th' ann an eucoir. Thar ùine, bidh an lagh ag atharrachadh nuair a bhios pàrlamaidean na h-Alba is na RA a' cur reachdas, no laghannan, ùr an gnìomh.

Mar eisimpleir, cha b' e eucoir a bh' ann a bhith a' smocadh ann an càr còmhla ri cuideigin fo 18 ro 2016, ach rinn Achd Bacadh Smocaidh (Clann ann an Carbadan) (Alba) [Smoking Prohibition (Children in Motor Vehicles) (Scotland) Act] seo mì-laghail bho 2016.

Dè bhios a' tachairt ma thèid eucoir a chur às leth cuideigin ann an Alba?

Ma tha duine fo chasaid eucoir ann an Alba, tha a' chòir aca iad fhèin a dhìon ann an cùirt-lagha. Agus rud a tha cudromach, tha duine sam bith fo chasaid eucoir neoichiontach gus an tèid a dhearbhadh ciontach ann an cùirt eucorach.

Dhan fheadhainn a gheibhear ciontach às dèidh cùirt-lagha, 's àbhaist dhan pheanas a bhith a rèir 's dè cho dona 's a bha an eucoir. 'S e na h-eucoirean as miosa an fheadhainn ainneartach agus/no far an do chaill daoine am beatha.