Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Eucoir ann an Alba agus anns an RADè na h-adhbharan a th' ann airson eucoir?

Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachras ann an òige, ìmpidh cho-aoisean, mì-fheum de dheoch-làidir agus de dhrugaichean a bhith co-cheangailte ri carson a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha iomadh droch bhuaidh aig eucoir.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè na h-adhbharan a th' ann airson eucoir?

Tha iomadh adhbhar toinnte ann airson mìneachadh carson a bhios eucoir a' tachairt. Tha cuid dhe na h-adhbharan sin co-cheangailte ris na daoine a bhios a' dèanamh eucoir. Tha cuid eile co-cheangailte ri suidheachadh neach, mar:

  • bochdainn
  • na thachras ann an òige
  • ìmpidh cho-aoisean
  • mì-chleachdadh air deoch-làidir is drugaichean

Tha dà phrìomh bheachd gan cur air adhart airson eucoir a mhìneachadh – beachdan fa letheachas agus beachdan co-shealbhach.

Feallsanachdan 'Individualist' agus 'Collectivist' air eucoir agus peanas

Ciamar a bhios daoine fa-letheach a' coimhead air eucoir?

Tha daoine fa-letheach buailteach fòcas a chur air roghainnean gach neach fa leth mar adhbhar airson eucoir a dhèanamh. Ma roghnaicheas cuideigin eucoir a dhèanamh, tha an t-uallach orrasan air a shon. Tha iad a' creidsinn ma thèid cuideigin a ghlacadh a' dèanamh eucoir, gum bu chòir dhaibh fulang air a shon tro pheanas.

Ciamar a bhios co-shealbhaich a' coimhead air eucoir?

Tha co-shealbhaich a' creidsinn gur e neo-ionannachd (gun a bhith co-ionann) anns a' chomann-shòisealta am prìomh adhbhar airson eucoir. Tha iad a' creidsinn gu bheil neo-ionannachd a' fàgail dhaoine ann an suidheachadh nas laige agus ann am barrachd cunnairt gun toir sin buaidh orra gu dhol an sàs ann an eucoir.

Tha riaghaltas na h-Alba agus na RA a' gabhail ris gu bheil iomadh adhbhar ann airson eucoir. Ach feumaidh daoine fa leth an t-uallach a ghabhail airson na nì iad. 'S e obair an riaghaltais dèiligeadh ri eucoir, an dà chuid na h-adhbharan air a shon agus a' bhuaidh aige.