Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Eucoir ann an Alba agus anns an RAAdhbharan airson eucoir: nàdar agus àrach

Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachras ann an òige, ìmpidh cho-aoisean, mì-fheum de dheoch-làidir agus de dhrugaichean a bhith co-cheangailte ri carson a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha iomadh droch bhuaidh aig eucoir.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Adhbharan airson eucoir: nàdar agus àrach

'S e eucoir-eòlaichean na daoine a bhios a' sgrùdadh eucoir. Bidh eucoir-eòlaichean a' feuchainn ri mìneachadh carson a bhios daoine a tha ri eucoir (eucoraich) gan giùlan fhèin anns an dòigh a tha iad.

Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachair riutha nan òige, cuideam bho cho-aoisean, deoch-làidir agus mì-chleachdadh dhrugaichean mìneachadh a thoirt air carson a bhios daoine a' briseadh an lagh.

Dealbh a' sealltainn factaran a dh'fhaodadh mìneachadh a thoirt air carson a bhios daoine a' briseadh an lagh

Dè an argamaid nàdair a th' ann airson dol-a-mach eucorach?

Bidh cuid de dh'eucoir-eòlaichean a' cumail a-mach gun gabh cuid de dh'eucoirean a mhìneachadh, gu ìre, a rèir 's mar a tha an eanchainn ag obrachadh. Seo an argamaid airson 'nàdar'.

Mar eisimpleir, tha reatan nas motha de dh'eucoir nas buailtiche am measg dhaoine òga. Tha fianais ann a tha ag innse nach bi an eanchainn a' tighinn gu làn inbhe gu bheil daoine 25. 'S e an cortex ro-aghaidheil a' chuid mu dheireadh dhen eanchainn a bhios a' tighinn gu inbhe. Seo a' phàirt dhen eanchainn a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean. Mar sin, chan eil comas dèanamh cho-dhùnaidhean dhaoine òga a' tighinn gu làn ìre gu bheil iad nas sine. Tha sin a' ciallachadh nach bi daoine òga an-còmhnaidh a' dèanamh nan co-dhùnaidhean as fheàrr tràth nam beatha.

Tha fianais ann cuideachd gu bheil cuid de dhaoine nas dualtaiche a bhith ri eucoir. Tha rannsachadh a-rithist a' sealltainn gu bheil feadhainn a bhios ri eucoir nas buailtiche fàs feargach no nach eil uiread de thuigse aca air faireachdainnean dhaoine eile (co-fhaireachdainn). Thathar ag ràdh gum bi daoine leis na feartan sin glè thric nas buailtiche eucoir a dhèanamh.

Dè an argamaid àraich a th' ann airson dol-a-mach eucorach?

Tha an argamaid àraich ag ràdh gu bheil daoine nas buailtiche eucoir a dhèanamh air sgàth an t-saoghail mun cuairt orra. Le sin tha iad a' ciallachadh a bheil duine beò ann am bochdainn, na dàimhean teaghlaich aca, am buidheann charaidean aca (co-aoisean) agus cleachdadh no mì-chleachdadh deoch-làidir no drugaichean.

A rèir na 17mh Suirbhidh Phrìosanaich (a chaidh a dhèanamh ann an 2019) le Seirbheis Prìosain na h-Alba, chomharraich prìosain na h-adhbharan a leanas mar adhbharan a chuir ri iad a bhith ri eucoir:

AdhbharCeudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir
Slàinte inntinn27%
Mì-chleachdadh deoch-làidir24%
Mì-chleachdadh dhrogaichean24%
Cion-obrach16%
Dàimhean teaghlaich16%
Duilgheadasan airgid15%
Cion taic sa choimhearsnachd14%
Seòrsa àite-fuirich10%
Nàbachd9%
Buaidh chomhaoisean7%
AdhbharSlàinte inntinn
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir27%
AdhbharMì-chleachdadh deoch-làidir
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir24%
AdhbharMì-chleachdadh dhrogaichean
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir24%
AdhbharCion-obrach
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir16%
AdhbharDàimhean teaghlaich
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir16%
AdhbharDuilgheadasan airgid
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir15%
AdhbharCion taic sa choimhearsnachd
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir14%
AdhbharSeòrsa àite-fuirich
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir10%
AdhbharNàbachd
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir9%
AdhbharBuaidh chomhaoisean
Ceudad dhen bheachd gun do chuir e ri eucoir7%