Eucoir ann an Alba agus anns an RABochdainn, òige, cuideam bho cho-aoisean agus mì-chleachdadh stuthan

Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachras ann an òige, ìmpidh cho-aoisean, mì-fheum de dheoch-làidir agus de dhrugaichean a bhith co-cheangailte ri carson a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha iomadh droch bhuaidh aig eucoir.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Bochdainn, òige, cuideam bho cho-aoisean agus mì-chleachdadh stuthan

A bheil ceangal eadar bochdainn agus eucoir?

Tha e buailteach gum bi reataichean eucoir nas motha ann an sgìrean sa bheil . Saoilear bhon seo gu bheil ceangal làidir eadar bochdainn agus eucoir. Mar eisimpleir, tha reataichean eucoir nas motha ann an Dùn Dè, Glaschu agus Obar Dheathain na th' ann an Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Siorrachd Rinn Friù an Ear no ann an Eileanan Arcaibh.

'S e aon mhìneachadh air a' cheangal eadar bochdainn agus ìrean eucoir nas motha gu bheil cuid le tuarastal ìosal a' roghnachadh eucoir a dhèanamh airson gum faigh iad na rudan a tha iad ag iarraidh, mar eisimpleir le goid às na bùithtean. Ach chan eil a' mhòr-chuid air tuarastal ìosal a' dèanamh eucoir agus tha eisimpleirean ann gach bliadhna de dhaoine beairteach a tha ri eucoir.

An àireamh iomlan de dh'eucoirean clàraichte gach 10,000 dhen t-sluagh 2022-23

Stòr: Staitistigs Nàiseanta, Riaghaltas na h-Alba

Ùghdarras ionadailEucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh
Dùn Dè849
Glaschu789
Siorrachd Dhùn Breatann an Iar651
Siorrachd Dhùn Breatann an Ear254
Siorrachd Rinn Friù an Ear238
Eileanan Arcaibh228
Ùghdarras ionadailDùn Dè
Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh849
Ùghdarras ionadailGlaschu
Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh789
Ùghdarras ionadailSiorrachd Dhùn Breatann an Iar
Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh651
Ùghdarras ionadailSiorrachd Dhùn Breatann an Ear
Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh254
Ùghdarras ionadailSiorrachd Rinn Friù an Ear
Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh238
Ùghdarras ionadailEileanan Arcaibh
Eucoirean clàraichte a rèir gach 10,000 dhen t-sluagh228

Ciamar a tha òige a' toirt buaidh air eucoir?

Tha rannsachadh o chionn ghoirid air adhbharan eucoir air fòcasadh air an ìre chun am faod togail thruagh nan òige leantainn gu bhith an sàs ann an eucoir.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil pàiste no neach òg a dh'fhuilingeas uallach tric tràth nam beatha, leithid dearmad, droch-dhìol fhaireachail agus chorporra no dealachadh phàrantan, nas buailtiche a bhith an sàs ann an eucoir iad fhèin nuair a tha iad nas sine.

Tha rannsachadh le Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gu bheil uallach nuair a tha iad nam pàistean a' dèanamh cron air leasachadh eanchainn fhallain.

Am bi cuideam bho cho-aoisean ag adhbharachadh eucoir?

Faodaidh buaidh chomhaoisean a bhith na adhbhar air eucoir am measg cuid de dhaoin' òga. A rèir Indeacs Chiontaich na h-Alba, airson eucoirean beaga, 's ann fo aois 20 a tha a' chuid motha de dh'eucoir air a dèanamh. Tha fianais nas ùire a' sealltainn gur ann aig aois 23 do dh'fhir agus 30 do bhoireannaich a tha a' chuid as motha de dh'eucoir air a dèanamh.

Ann an 2020-21, b' e an àireamh a bu mhotha de dhìtidhean gach 1,000 dhan fheadhainn aig aois 31 gu 40 (18 per 1,000). Bha an àireamh aig aois 21 gu 30 gu math coltach ris aig 17 dìtidhean gach 1,000 dhen t-sluagh. (Cùisean eucoir ann an Alba, Riaghaltas na h-Alba)

Ann an agallamhan a chaidh a dhèanamh còmhla ri òigridh ann an Ionad nan Eucorach Òg ann am Polmont ann an 2016, bhruidhinn cuid de dh'eucoraich òga air buaidh chumhachdach an comhaoisean – gu h-àraidh buaidh òigridh nas sine – fhad 's a bha iad air am bacadh às an sgoil. Thug iad iomradh air mar a dheigheadh mì-chleachdadh stuthan, ainneart agus eucoir am meud aig an àm sin. Bhruidhinn iad air buaidh cheanglaichean briste ris an sgoil, agus cuideachd ri cur-seachadan a-mach às an sgoil agus feadhainn ris am biodh iad a' coimhead suas agus cur-seachadan sòisealta leithid ball-coise, a dh'fhaodadh a' choimhearsnachd a thoirt dhaibh. (Children and Young People in Custody in Scotland).

Mì-chleachdadh dhrugaichean is deoch-làidir agus eucoir

Mì-chleachdadh deoch-làidir agus eucoir

Tha dlùth-cheangal eadar mì-chleachdadh deoch-làidir agus eucoir. Nuair a bhios an deoch air daoine, 's dòcha nach bi iad a' smaoineachadh mun bhuaidh a bhios aig na tha iad a' dèanamh. Cha mhotha a tha uiread de smachd aca air na faireachdainnean aca.

Ann an sgrùdadh a chaidh fhoillseachadh le Alcohol Focus Scotland ann an 2021, thuirt 41% de phrìosanaich gun robh an deoch orra nuair a rinn iad an eucoir. Dh'èirich an àireamh seo gu 60% airson eucoraich òga.

Mì-chleachdadh dhrugaichean agus eucoir

Caochladh dhiofar sheòrsachan de dhrogaichean agus stuthan
Figure caption,
Caochladh dhiofar sheòrsachan de dhrogaichean agus stuthan

Faodaidh gu bheil mì-chleachdadh dhrugaichean a' toirt buaidh air mòran chloinne. Faodaidh clann a bhith fo chunnart dearmad faireachail agus corporra air sgàth seo. Tha cunnart ann cuideachd anns a' cheann fhada gum bi an slàinte bodhaig is inntinn truagh.

Ma tha pàiste a' fàs suas ann an dachaigh anns a bheil drugaichean is deoch-làidir air am mì-chleachdadh, faodaidh sin fìor dhroch bhuaidh a thoirt air cothroman a' phàiste nam beatha.

Bidh mòran dhaoin' òga bho gach buidheann sòisealta agus bho gach pàirt dhen dùthaich a' feuchainn agus a' gabhail dhrugaichean mar tombaca, deoch-làidir agus cannabis. Bidh iad a' dèanamh seo airson iomadh adhbhar.

Tha coltas gur e na prìomh fhactaran a thaobh daoine drugaichean fheuchainn:

  • na thachras anns na tràth bhliadhnaichean aca
  • dàimhean teaghlaich
  • suidheachadh an teaghlaich
  • beachdan agus giùlan phàrantan