Dè na tha de dh'eucoir ann an Alba?
Tha ìre nan eucoirean clàraichte aig an ìre as ìsle bho 1974, le Poileas Alba a' clàradh 289,362 eucoir ann an 2022/23. Chan eil an àireamh seo a' gabhail a-steach mòran eucoirean nas lugha mar dràibheadh ro luath agus dol a-mach mì-shòisealta.
Ann an 2022-23, chaidh 172,207 eucoir a chlàradh leis a' phoileas ann an Alba. Bha lùghdachadh 5% an sin bho 2021-22.
O chionn ghoirid, chaidh fiosrachadh mu eucoir a leudachadh gu bhith a' nochdadh mar a tha an comann-sòisealta air atharrachadh, agus a' gabhail a-steach gu bheil am poball a-nis a' dèanamh barrachd feum de mheadhanan sòisealta agus ceannach air-loidhne. Tha na staitistigean oifigeil air an clàradh leis na poilis a-nis a' gabhail a-steach reatan eucoir-saidhbear (eucoir co-cheangailte ris an eadar-lìon) ann an Alba.
Bha eucoir-saidhbear a' gabhail a-steach 26% de dh'eucoirean gnèitheasach, 8% de dh'eucoirean eas-onair agus 3% de dh'eucoirean ainneartach, neo-ghnèitheasach. San fharsaingeachd, b' e eucoir-saidhbear a bh' ann an 5% den eucoir chlàraichte.
Àireamh sa cheud de dhiofar sheòrsaichean eucoir:
Ann an 2022/23, chlàr Poileas Alba eucoir mar:
| Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte | An seòrsa eucoir |
| 36% | eas-onair, me, goid. 'S e eucoirean eas-onair an seòrsa eucoir as motha a th' ann |
| 24% | eucoirean ainneartach, neo-ghnèitheasach, me, ionnsaigh |
| 21% | eucoirean an aghaidh a' chomainn-shòisealta, me, drugaichean a bhith agad no gan toirt seachad |
| 15% | milleadh agus giùlan mì-chùramach, me, bhandaileachd |
| 5% | eucoirean gnèitheasach |
| Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte | 36% |
|---|---|
| An seòrsa eucoir | eas-onair, me, goid. 'S e eucoirean eas-onair an seòrsa eucoir as motha a th' ann |
| Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte | 24% |
|---|---|
| An seòrsa eucoir | eucoirean ainneartach, neo-ghnèitheasach, me, ionnsaigh |
| Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte | 21% |
|---|---|
| An seòrsa eucoir | eucoirean an aghaidh a' chomainn-shòisealta, me, drugaichean a bhith agad no gan toirt seachad |
| Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte | 15% |
|---|---|
| An seòrsa eucoir | milleadh agus giùlan mì-chùramach, me, bhandaileachd |
| Àireamh sa cheud de dh'eucoirean clàraichte | 5% |
|---|---|
| An seòrsa eucoir | eucoirean gnèitheasach |
'S e na staitistigean gu h-àrd na figearan oifigeil a chaidh a chlàradh le Poileas Alba.
Ann an 2022-23, rinn Poileas Alba tuairmse nach deach fios a chur gu na poilis ach airson mu 40% de dh'eucoir.
Tha sgrùdaidhean eile air eucoir, mar Sgrùdadh Eucoir is Ceartas na h-Alba (Scottish Crime and Justice Survey no SCJS), a bhios a' ceasnachadh dhaoine air mar a dh'fhuiling iad eucoir, cuideachd dhen bheachd gu bheil barrachd eucoir ann an comann-sòisealta na h-Alba na tha air a chlàradh gu h-oifigeil aig na poilis.
Chan eil air an clàradh ach eucoirean a thèid innse dha na poilis, agus chan e a h-uile eucoir a thachair. Cha bhi daoine an-còmhnaidh a' cur fios air na poilis nuair a dh'fhuilingeas iad eucoir. 'S dòcha gu bheil seo air sgàth 's nach e droch eucoir a th' ann, no 's dòcha gu bheil iad dhen bheachd nach glac na poilis an t-eucorach.