Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Eucoir ann an Alba agus anns an RADè a' bhuaidh a tha aig eucoir?

Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachras ann an òige, ìmpidh cho-aoisean, mì-fheum de dheoch-làidir agus de dhrugaichean a bhith co-cheangailte ri carson a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha iomadh droch bhuaidh aig eucoir.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè a' bhuaidh a tha aig eucoir?

Bhidio - Buaidh eucoir

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mun bhuaidh a tha aig eucoir air na daoine a dh'fhuilingeas e.

What is the impact of crime on society?

Ciamar a tha eucoir a' toirt buaidh air a' chomann-shòisealta?

Nuair a thèid eucoir a dhèanamh, tha droch bhuaidhean no droch bhuilean ann. A rèir 's dè an seòrsa eucoir a chaidh a dhèanamh, faodaidh e buaidh a thoirt air bodhaig, faireachdainn no airgead.

Buaidh eucoir air na daoine a dh'fhuilingeas e agus an teaghlaichean

Faodaidh iomadh droch bhuaidh a bhith aig eucoir leithid mèirle air daoine fa leth agus air an teaghlaichean:

  • Buaidh air bodhaig – leòn gu dìreach bho ionnsaigh. Faodaidh seo a bhith anns a' gheàrr-ùine no anns an ùine-fhada.
  • Buaidh air faireachdainnean – dragh, uallach no streas inntinn air sgàth eucoir air choreigin fhulang. Uaireannan, bidh daoine ag atharrachadh gu tur agus dìreach a' fuireach a-staigh nan dachaigh, no bidh e doirbh dhaibh deagh dhàimhean a chumail suas ris an teaghlach aca.
  • Buaidh air airgead – a' call airgead, cairt creideis no a' feumachdainn pàigheadh airson fòn-làimhe ùr, msaa. Dh'fhaodadh nach tèid aig a' phrìomh neach-cosnaidh ann an teaghlach obrachadh tuilleadh agus tha seo a' dèanamh an teaghlaich nas bochda.

Buaidh eucoir air coimhearsnachdan

Faodaidh iomadh droch bhuaidh a bhith aig eucoirean leithid goid an dèidh briseadh a-steach a dhachaigh tachairt tric:

  • Faireachail – tha an t-eagal air daoine an dachaighean fhàgail agus canar gu bheil iad air am bacadh gu sòisealta.
  • Ionmhasail – tha cosgaisean àrachais anns a' choimhearsnachd a' dol suas agus tha prìsean thaighean a' tuiteam.

Buaidh eucoir air gnothachasan

Faodaidh iomadh droch bhuaidh a bhith aig eucoirean, leithid goid, air gnothachasan agus luchd-ceannach:

  • Ionmhasail – dh'fhaodadh gnothachas airgead a chall agus dùnadh air sgàth stuth a chall.
  • Ionmhasail – 's dòcha gun tig air luchd-ceannach prìsean nas motha a phàigheadh gus dèanamh suas airson cosgais nan stuthan a chaidh a ghoid no airson dòighean nas fheàrr air bùithtean a dhìon, mar eisimpleir, CCTV.
Dealbh a' sealltainn a' bhuaidh a tha aig eucoir air fulangaich, coimhearsnachdan/gnothachasan agus eucoraich

Dè a' bhuaidh ionmhasail a tha aig eucoir?

A thaobh a' chomainn-shòisealta san fharsaingeachd, tha cosgais an cois a h-uile eucoir oir feumaidh luchd-pàighidh nan cìsean na poilis a phàigheadh airson eucoir a rannsachadh, na cùirtean airson eucoraich a thoirt gu cùirt, agus ma thèid am faighinn ciontach, feumaidh an t-eucorach seirbheis coimhearsnachd a dhèanamh no a dhol dhan phrìosan. Tha eucoir cuideachd a' cosg do sheirbheisean smàlaidh agus slàinte, mar eisimpleir, nuair a bhios iad a' dèiligeadh ri lasadh theineachan a dh'aon ghnothaich no cùram meadaigeach an dèidh ionnsaigh.

Buaidh eucoir ann an Alba

Ann an 2022-23, thug Riaghaltas na h-Alba beagan nas lugha na £4 billean airson òrdugh agus sàbhailteachd phoblach, agus b' e sin 3.6% de na chosg Riaghaltas na h-Alba.

Dè a' bhuaidh a tha aig eucoir air an neach a nì an eucoir?

Tha droch bhuaidhean aig eucoir cuideachd air an neach a nì e:

  • A' faireachdainn nàire no ciont
  • A' call obair no doirbh obair fhaighinn anns an àm ri teachd
  • Duilgheadasan ann an dàimhean còmhla ri teaghlach agus caraidean