Eucoir ann an Alba agus anns an RADè na seòrsaichean eucoir a th' ann?

Faodaidh factaran mar nàdar, bochdainn, na thachras ann an òige, ìmpidh cho-aoisean, mì-fheum de dheoch-làidir agus de dhrugaichean a bhith co-cheangailte ri carson a bhios daoine a' briseadh an lagh. Tha iomadh droch bhuaidh aig eucoir.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè na seòrsaichean eucoir a th' ann?

Tha dà phrìomh sheòrsa eucoir ann – eucoir an aghaidh cuid-seilbh agus eucoirean an aghaidh dhaoine (eucoirean pearsanta).

Bhandalachd, Goid chàraichean, Goid bhaidhsagalan, Ainneart

Dè th' ann an eucoir cuid-seilbh?

Tha eucoir cuid-seilbh a' gabhail a-steach:

  • bhandalachd, a' gabhail a-steach milleadh air carbadan agus togalaichean
  • gach eucoir co-cheangailte ri bhith a' goid charbadan
  • briseadh a-steach a thaighean
  • a' goid à taighean, a' gabhail a-steach a bhith a' goid bhaidhsagalan
  • a' goid rud sam bith bho chuideigin (chan eil seo a' gabhail a-steach mèirle)

Dè th' ann an eucoir phearsanta?

Tha eucoir phearsanta a' gabhail a-steach:

  • ionnsaigh
  • mèirle
  • murt