An lagh agus ceartas eucorach ann an AlbaDè na roghainnean a th' ann an àite prìosan?

Tha siostam a' cheartais ann an Alba a' gabhail a-steach a' phoilis, na cùirtean agus na prìosain. Tha pàirt chudromach aig gach pàirt de shiostam ceartais na h-eucoir eadar a bhith a' dìon a' phobaill agus a' bacadh eucoir, gu bhith a' co-dhùnadh air ciont no neoichiontachd agus a' toirt do peanas do dhaoine a bhriseas an lagh.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè na roghainnean a th' ann an àite prìosan?

Tha grunn pheanasan eile ann a dh'fhaodas na cùirtean ann an Alba a chleachdadh seach cuideigin a chur dhan phrìosan.

Òrdugh Dìolaidh Coimhearsnachd

'S e peanasan a th' ann an sgeamaichean dìolaidh coimhearsnachd a tha air an dealbh airson gun cuir eucoraich rudeigin air ais dhan choimhearsnachd.

Am measg nam pròiseactan a bhios eucoraich a' dèanamh tha:

  • A' togail sgudal
  • A' glanadh graffiti
  • A' càradh agus ag ath-sgeadachadh ionadan coimhearsnachd
  • Obair san àrainneachd, me, a' coimhead às dèidh àitichean poblach agus cladhan

Òrdugh Bacadh air Saorsa

Tha òrdugh bacadh air saorsa a' ciallachadh gum feum eucoraich a bhith ann an àite sònraichte suas gu 12 uair a thìde gach latha air a' char as motha airson 12 mìos air a' char as fhaide.

Thathar a' cumail sùil air a seo le taga eileagtronaigeach. Bidh an taga a' cur siognail gu ionad monataraidh, a tha anns an sgìre bacaidh. Ma dh'fhàgas duine, tha cuideigin a' faighinn brath agus thèid rudeigin a dhèanamh. Mar as trice, bidh seo a' ciallachadh gun tèid an t-eucorach a thoirt air ais dhan chùirt airson na cumhachan aca a bhriseadh.

Òrdughan Deuchainn is Leigheas is Dhrugaichean

Tha Òrdughan Deuchainn is Leigheas is Dhrugaichean (Drug Treatment and Testing Orders no DTTOS) air an dealbh gus stad a chur air briseadh an lagh le bhith a' dèiligeadh ri mì-chleachdadh dhrugaichean tro bhith a' toirt cothrom air prògram leigheis fo gheur sgrùdadh.

Ann an 2020-21, b' e na h-eucoirean a bu trice a bha a' faotainn binn coimhearsnachd:

  • eucoirean gnèitheasach eile – 389 neach, no 69% de rèiteachadh chùirtean airson nan eucoirean sin
  • ionnsaigh ghnèitheasach – 87 neach, no 59%
  • Achd Droch Dhìol san Dachaigh (Alba) – 216 neach, no 56%
  • eucoirean fòirneartach neo-ghnèitheasach eile – 57 neach, no 51%
  • goid càir no carbaid – 66 neach, no 40%
  • a' làimhseachadh bhuill-airm ionnsaigheach – 476 neach, no 39% de chùisean air an rèiteachadh
  • eas-onair eile – 160 neach, no 38% air an rèiteachadh
  • ionnsaigh chumanta – 1,647 neach, no 34% de chùisean air an rèiteachadh
  • mèirle eile – 260 neach, 29% de chùisean air an rèiteachadh

Càinean

Faodaidh cùirtean cuideachd càin a chur air daoine. Bidh an t-uiread a rèir na h-eucoir, agus a rèir na cùirt a bhios gan cur air daoine oir tha an t-sùim as motha diofraichte aca:

  • Cùirt Maor a' Cheartais – suas gu £2,500
  • Cùirt an t-Siorraim – suas gu £10,000 airson geàrr-chùisean
  • Cùirt an t-Siorraim – neo-chrìochnach airson chùisean sòlaimte
  • An Àrd-chùirt – neo-chrìochnach

'S e càin a' bhinn as trice a bhios cùirt a' cur air daoine. Ann an 2021-22, 's e càin a bh' ann an 39% dhe gach binn.

Aonad Lùghdachadh an Ainneirt

Chaidh seo a stèidheachadh le Poileas Srath Chluaidh ann an 2005. Bidh iad a' feuchainn ri dèiligeadh ri ainneart mus tachair e le bhith a' coimhead air ainneart mar thinneas.

Le bhith a' dèanamh seo, bidh iad a' coimhead air adhbhar an ainneirt agus a' smaoineachadh air fuasglaidhean a chuireas stad air bho bhith a' sgaoileadh. Am measg nam fuasglaidhean tha 's dòcha ag obair còmhla ri sgoiltean agus coimhearsnachdan ionadail.

Tha Meantoran ann am Bacadh Ainneirt (Mentors in Violence Prevention no MVP) a' ruith ann an sgoiltean air feadh na dùthcha agus bidh iad a' cuideachadh sgoilearan gu bhith nas cofhurtailte mu bhith ag innse mu uallach sam bith a th' orra a thaobh sàbhailteachd, agus chan eil iad cho buailteach dìreach seasamh gun chàil a dhèanamh.

More guides on this topic