An lagh agus ceartas eucorach ann an AlbaDè th' ann an Seirbheis Prìosain na h-Alba (SPS)?

Tha siostam a' cheartais ann an Alba a' gabhail a-steach a' phoilis, na cùirtean agus na prìosain. Tha pàirt chudromach aig gach pàirt de shiostam ceartais na h-eucoir eadar a bhith a' dìon a' phobaill agus a' bacadh eucoir, gu bhith a' co-dhùnadh air ciont no neoichiontachd agus a' toirt do peanas do dhaoine a bhriseas an lagh.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Dè th' ann an Seirbheis Prìosain na h-Alba (SPS)?

Dè na h-amasan a th' aig Seirbheis Prìosain na h-Alba?

Tha Seirbheis Prìosain na h-Alba ag amas air:

  • am poball a dhìon le bhith a' cumail suas siostam-grèim tèarainte
  • coimhead gu coibhneil às dèidh eucoraich
  • ath-eucoir a lùghdachadh
  • luach an airgid a thoirt do luchd-pàighidh chìsean

Cia mheud prìosan a th' ann an Alba? Dè bhios iad a' dèanamh?

Polmont, Institiùd Eucoraich Òga ann an Alba
Figure caption,
HMYOI Polmont

Tha 15 prìosain ann an Alba, ach chan eil an aon amas aca uile:

  • Tha measgachadh de dh'fhireannaich a tha a-staigh ùine mhòr agus ùine ghoirid ann am prìosain mar HMP Perth, eadar feadhainn air a bheil binn-beatha agus feadhainn a tha a' feitheamh a dhol dhan chùirt.
  • Tha HMYOI Polmont airson eucoraich òga eadar 16 agus 21 bliadhna.
  • Tha YOIs (ionadan-òigridh) ann an HMP Grampian, HMP Perth agus HMP & YOI Stirling.
  • 'S e HMP and YOI Stirling an aon phrìosan do bhoireannaich a-mhàin ann an Alba, ged a tha aonadan Glacas Coimhearsnachd cuideachd ann an Glaschu agus ann an Dùn Dè.
  • 'S e HMP Castle Huntly an aon 'phrìosan fosgailte' a th' ann an Alba far am bi eucoraich fad-ùine nach eil ro chunnartach a' cur seachad na cuid mu dheireadh dhen bhinn aca.
  • Tha dà phrìosan, HMP Kilmarnock agus am prìosan as ùire ann an Alba, HMP Addiewell, air an ruith gu prìobhaideach.

A bheil beatha anns a' phrìosan air atharrachadh?

Gu h-eachdraidheil, b' e àitichean a bh' ann am prìosain far an robh dòighean peanasachaidh uabhasach gu math bitheanta. An-diugh, tha prìosain fhathast nan àitichean gu math cruaidh. 'S e glè bheag de phrìobhaideachd a tha aig prìosanaich agus chan eil saorsa idir aca. Tha iomadh bacadh air am beatha.

Ach an-diugh ge-tà, tha prìosain a' cur barrachd cuideim air foghlam agus ath-ghnàthachadh. Tha prìosain an-diugh a' leigeil le daoine bhon taobh a-muigh tadhal, agus tha iad a' brosnachadh nan eucorach gu bhith gan ionnsachadh fhèin. Mar eisimpleir, tha clasaichean aca ann an sgrìobhadh cruthachail agus faodaidh sgrìobhadairean a dhol a-steach a chuideachadh nan eucorach gu bhith a' leasachadh an tàlantan.

Thathar, mar sin, an dòchas, nuair a leigear na h-eucoraich a-mach gum bi an t-eòlas agus na sgilean aca airson an cuideachadh a' faighinn obair air an taobh a-muigh agus nach bi mar sin uiread de theansa ann gun dèan iad eucoir a-rithist.

More guides on this topic