Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An lagh agus ceartas eucorach ann an AlbaÒigridh a tha a' briseadh an lagha

Tha siostam a' cheartais ann an Alba a' gabhail a-steach a' phoilis, na cùirtean agus na prìosain. Tha pàirt chudromach aig gach pàirt de shiostam ceartais na h-eucoir eadar a bhith a' dìon a' phobaill agus a' bacadh eucoir, gu bhith a' co-dhùnadh air ciont no neoichiontachd agus a' toirt do peanas do dhaoine a bhriseas an lagh.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Òigridh a tha a' briseadh an lagha

Fireannaich a' cluich pool ann an Institiùd Eucoraich Òga

Nuair thèid binn prìosain a chur air fireannach òg ann an Alba eadar 16 agus 21 no ma thèid a chumail an grèim leis a' chùirt ron chùis-lagha, mar as trice, thèid an cumail anns an aon Institiùd Eucoraich Òga ann an Alba ann am Polmont, faisg air an Eaglais Bhric.

'S e HMYOI Polmont an t-ionad-cumail nàiseanta ann an Alba do dhaoine eadar 16 is 21. Ann an 2023, chùm e 712 prìosanaich air a' char bu mhotha (Stòr: Polmont Prison). Bha sin ga dhèanamh air fear dhe na h-institiùdan eucoraich òga (YOI) a bu mhotha anns an RA. Bidh a' bhinn a thèid air prìosanaich ann an HMYOI Polmont eadar sia mìosan agus fad-beatha (mus tèid an gluasad a phrìosan do dh'inbhich). Tha a' bhinn chuibheasach eadar dà bhliadhna agus ceithir.

Nuair a thèid binn prìosain air boireannach òg no inbheach boireann ann an Alba, no ma thèid an cumail an grèim leis a' chùirt, faodaidh gun tèid a cumail ann an goireas air leth do bhoireannaich anns an aon ionad do bhoireannaich ann an Alba, HMP & YOI Stirling.

A bharrachd air a sin, chaidh dà ionad Glacas Coimhearsnachd fhosgladh ann an 2022 ann an Dùn Dè agus ann an Glaschu.

More guides on this topic