Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

An lagh agus ceartas eucorach ann an AlbaFeachdan poilis eile ann an Alba

Tha siostam a' cheartais ann an Alba a' gabhail a-steach a' phoilis, na cùirtean agus na prìosain. Tha pàirt chudromach aig gach pàirt de shiostam ceartais na h-eucoir eadar a bhith a' dìon a' phobaill agus a' bacadh eucoir, gu bhith a' co-dhùnadh air ciont no neoichiontachd agus a' toirt do peanas do dhaoine a bhriseas an lagh.

Part ofNuadh-eòlasEucoir, an lagh agus siostam a' cheartais

Feachdan poilis eile ann an Alba

A bharrachd air Poileas na h-Alba, tha grunn fheachdan poileis eile ann an Alba. Nam measg sin tha:

  • Poileas Ministreachd an Dìon (Ministry of Defence no MOD). Bidh poileas am MOD a' toirt seirbheis tèarainteachd taobh a-staigh ionadan le Ministreachd an Dìon air feadh na RA, (me ionad nam bàtaichean-aigeil niuclasach ann am Faslane).
  • Poileas Còmhdhail Bhreatainn (British Transport Police no BTP). Tha am BTP ag obair air feadh lìonra nan trèanaichean san RA, a' gabhail a-steach Rèile Fo-thalamh Ghlaschu.
  • Feachd-poileis Catharra Niuclasach (Civil Nuclear Constabulary no CNC). Tha an CNC a' dìon stuthan niuclasach ann an ionadan ceadaichte niuclasach san RA agus nuair a tha iad air an gluasad.
  • Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir (The National Crime Agency no NCA). Bidh an NCA a' dèiligeadh ri eucoir eagraichte air feadh na RA. 'S dòcha gum bi seo a' gabhail a-steach drogaichean Clas A, goid agus trafaigeadh dhaoine, foill, eucoir choimpiutairean agus nighe airgid.
  • Feachd Crìoch na RA (Border Force). 'S e Feachd Crìoch na RA am buidheann a bhios a' cur lagh an gnìomh às leth Oifis na Dùthcha. 'S e an obair aca crìochan na RA a chumail tèarainte le bhith a' cumail smachd air na daoine agus air a' charago a tha a-mach 's a-steach à puirt agus à puirt-adhair na rìoghachd. Bidh iad a' dèanamh seo tro sgrùdadh in-imrich, a' sgrùdadh bhagannan is charbadan agus a' cumail sùil air na cladaichean.

More guides on this topic