Cùisean sòisealta agus eaconamach sna SACùisean sòisealta agus eaconamach eile

'S e na SA an eaconamaidh as motha air an t-saoghal. A dh'aindeoin sin, tha cùisean sòisealta agus eaconamach ann a tha a' toirt buaidh air daoine fa leth, air coimhearsnachdan agus air a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd mar cùram-slàinte, foghlam agus cion-cosnaidh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Cùisean sòisealta agus eaconamach eile

Tha eucoir ghunnaichean na dhragh mòr anns na SA. Tha an Dara Atharrachadh de Bhun-stèidh nan SA a' gealltainn còir do shaoranaich nan SA armachd a bhith aca agus a ghiùlan.

Cùis Shòisealta – Eucoir ghunnaichean anns na SA

Ann an 2023, bha còrr is 40,000 neach air am marbhadh air sgàth ainneart le gunnaichean anns na SA. Dhen fheadhainn a bhàsaich, bha 1,306 nan deugairean agus 276 de chlann. Chaidh 46 oifigear poilis cuideachd a mharbhadh. Uile-gu-lèir, bha còrr is 655 le gunnaichean anns na SA. Cha b' e murt no marbhadh a bha anns a h-uile bàs le gunna ann an 2023. Bha còrr is leth dhe na 40,000 bàs nam fèin-mhurt.

Tha an reat mhurtan as motha anns an t-saoghal leasaichte anns na SA. A' cleachdadh staitistigean bho 2021, thachair 80.5% dhen h-uile murt anns na SA bho bhith a' cleachdadh ghunnaichean. Tha seo an coimeas ri dìreach 4% dhe gach murt anns an RA a bhith bho ghunnaichean.

Bho 2014, tha còrr is 39,000 bàs air a bhith anns na SA bho ghunnaichean gach bliadhna. Bha cuid dhe bàsan ghunnaichean sin air sgàth mòr-mharbhaidhean uabhasach. Am measg nam mòr-mharbhaidhean bu mhiosa anns na bliadhnachan o chionn ghoirid bha:

  • Perry High School, Iowa, Faoilleach 2024 – 6 marbh
  • Lewiston (ionad-bòbhlaidh/taigh-bìdh), Maine, 2023 – 18 marbh
  • Robb Elementary School, Uvalde, Texas, 2022 – 21 marbh
  • El Paso (Walmart), Texas, 2019 – 22 air am marbhadh
  • Parkland (Marjory Stoneman Douglas High), Florida, 2018 – 17 air am marbhadh
  • Las Vegas (Fèis Ciùil), 2017 – 58 air am marbhadh
  • Orlando (Pulse Pulse Nightclub), 2016 – 49 air am marbhadh

Cia mheud Ameireaganach aig a bheil gunna?

Ann an 2023, bhathar a' tuairmse gun robh gunna aig 42% de dhachaighean Ameireaganach. Tha an àireamh seo air fuireach mun aon rud fad iomadh bliadhna. 'S e Ameireaganaich gheala, aig 49%, am buidheann cinnidh as dòcha gunna a bhith aca nan dachaigh. 'S e 34% an àireamh airson Ameireaganaich dhubha, 28% airson Ameireaganaich Iospàinnteach agus 18% airson Ameireaganaich Àisianach.

Dhe na h-Ameireaganaich aig a bheil gunna, tha a' mhòr-chuid ag ràdh gur ann airson dìon pearsanta a tha e (72%) ged a tha gunna aig cuid airson sealg no losgadh airson spòrs.

Cò tha a' toirt taic do smachd air gunnaichean?

Tha a' mhòr-chuid de dh'Ameireaganaich (61%) dhen bheachd gu bheil e ro fhurasta gunna fhaighinn gu laghail. Tha 58% cuideachd dhen bheachd gum bu chòir laghan nas cruaidhe a bhith anns na SA a thaobh ghunnaichean. Tha daoine a tha a' toirt taic dhan Phartaidh Dheamocratach nas buailtiche taic a thoirt do laghannan ghunnaichean nas cruaidhe na tha daoine a tha a' toirt taic dhan Phartaidh Phoblachdach.

Tha iomadh buidheann iomairt no ùidhe anns na SA a tha ag iomairt airson laghannan nas cruaidh a thaobh ghunnaichean. 'S e fear dhen fheadhainn as ainmeile Iomairt Bhrady a chaidh a stèidheachadh ann an 1974.

Cò tha an aghaidh smachd air gunnaichean?

Tha Comann Nàiseanta nan Raidhfilean (National Rifle Association no NRA) ag iomairt an aghaidh a h-uile seòrsa smachd air gunnaichean anns na SA agus tha iad ag ràdh bheil barrachd ghunnaichean a' dèanamh na dùthcha nas sàbhailte. Tha e air fear dhe na buidhnean iomairt sònraichte as cumhachdaiche anns na SA, le buidseat mòr airson buaidh a thoirt air buill na Còmhdhail air poileasaidh ghunnaichean.

Tha mu aon neach às gach còignear aig a bheil gunna anns na SA ag ràdh gu bheil iad nam buill dhen NRA – agus tha taic air leth mòr aca bho dhaoine le gunnaichean a tha buailteach a bhith nam Poblachdaich.

Dòighean air smachd a chumail air gunnaichean

Chaidh iomadh oidhirp a dhèanamh gus feuchainn ri laghannan ghunnaichean nas cruaidhe a thoirt a-steach mar thoradh air na mòr-mharbhaidhean le gunnaichean ach cha robh iad sin an-còmhnaidh soirbheachail. Bha an lobaidh airson ghunnaichean fada nan aghaidh anns na cùirtean agus rinn sin e cha mhòr do-dhèanta laghannan ghunnaichean nas cruaidhe a thoirt a-steach. Ach tha 10 stàitean agus Roinn Cholumbia air laghannan a chur an gnìomh a chuir casg air reic bhuill-airm ionnsaigh ann an stoidhle an airm mar a chaidh a chleachdadh ann an grunn dhe na mòr mharbhaidhean le gunnaichean ann an eachdraidh nan SA.

Thàinig laghannan sàbhailteachd ghunnaichean cuideachd a-steach air 1 Faoilleach 2024 ann an cuid de stàitean nan SA mar California, Illinois agus Colorado. Tha na laghannan sin, ris an canar uaireannan, laghannan "bratach dearg" a' gabhail a-steach casg air a bhith a' giùlan ghunnaichean falaichte ann an cuid de dh'àitichean, bacadh air reic bhuill-airm ionnsaigh leth-fèin-obrachail, a' toirt air daoine feitheamh barrachd ùine mus tèid gunna a cheannach no riaghailt gum feum daoine a tha a' ceannach ghunnaichean trèanadh sàbhailteachd a dhèanamh.

Na rinn cinn-shuidhe mu smachd ghunnaichean

An Ceann-suidhe Obama

Ann an 2016, dh'ainmich an Ceann-suidhe Obama grunn cho-dhùnaidhean-gnìomha a bha ag amas air ainneart ghunnaichean a lùghdachadh. Nam measg sin bha bacaidhean nas cruaidhe air ceannach ghunnaichean, mar:

  • cead oifigeil a bhith aig luchd-reic bhuill-airm
  • sgrùdadh cùl-eachdraidh riatanach air luchd-ceannach

Fhuair an Ceann-suidhe Obama e doirbh laghan ùra air gunnaichean fhaighinn dhan lagh bhon a bha na Poblachdaich na aghaidh.

Tràth ann an 2017 chuir Seanadh nan SA bacadh air riaghailt a bha a' moladh gun deigheadh barrachd sgrùdaidh mu ghunnaichean a dhèanamh air luchd-ceannach a bha a' fulang le tinneas-inntinn.

An Ceann-suidhe Trump

An dèidh a' mharbhaidh ann am Parkland, Florida sa Ghearran 2018, bha an Ceann-suidhe Trump:

  • airson an aois aig am faodaist raidhfil a cheannach a chur suas
  • a' toirt taic do reachdas bho 2013 airson sgrùdadh cùl-eachdraidh a dhèanamh air ceannach

Air sgàth 's gun robh an NRA an aghaidh seo, chaidh an Ceann-suidhe Trump air ais air a' ghealladh seo. An àite sin, ghabh e ri moladh an NRA armachd a thoirt do thidsearan agus atharraichean beaga a dhèanamh air siostam sgùdaidh a' chùl-eachdraidh.

An Ceann-suidhe Biden

Fhad 's a tha e air a bhith na Cheann-suidhe, tha an Ceann-suidhe Biden air cantainn gu bheil feum aig na SA air ainneart ghunnaichean a bheagachadh. Anns an Ògmhios 2021, dh'ainmich e plana le còig puingean a tha a' gabhail a-steach:

  • tighinn cruaidh air luchd-reic ghunnaichean a bhriseas laghan feadaraileach, gun fhulangas sam bith dhaibh
  • taic a bharrachd a thoirt do cho-èigneachadh an lagh ionadail gus cuideachadh le eucoir a' dol suas
  • tasgadh ann am prògraman airson stad a chur air ainneart sa choimhearsnachd
  • seirbheisean agus obair as t-samhradh a leudachadh, gu h-àraidh do dheugairean agus inbhich òga
  • feadhainn a bha mar-thà sa phrìosan a chuideachadh gu bhith a' tilleadh dhan choimhearsnachd aca gu soirbheachail

Ann an 2021, thàinig Achd Dà-phartaidheach Choimhearsnachdan nas Sàbhailte (Bipartisan Safer Communities Act) gu bith. Bha an lagh seo ag iarraidh barrachd sgrùdaidhean air eachdraidh nan daoine a bha a' ceannach ghunnaichean fo aois 21. B' e Achd Dà-phartaidheach Choimhearsnachdan nas Sàbhailte a' chiad reachdas feadaralach air smachd ghunnaichean a chaidh a chur an gnìomh ann an 30 bliadhna.

Ann an 2023, stèidhich Biden Oifis Dìon Ainneart Ghunnaichean an Taigh Ghil agus bha an t-Iar-Cheann-suidhe Kamala Harris gu bhith os a chionn. B' e amas na h-oifis ùir crìoch a chur air duilgheadas ainneart nan gunnaichean anns na SA.