Cùis Shòisealta 2 – Foghlam anns na SA
Tha diofar mòr ann an coileanadh foghlaim a rèir buidheann cinnidh anns na SA. Tha neo-ionannachd foghlaim na cheist anns na SA.
Tha neo-ionannachdan mòra taobh a-staigh sgoiltean sna SA. Tha diofar ann an toradh nan deuchainnean agus ann am fiosraichidhean sgoilearan ann an sgoiltean prìobhaideach agus sgoiltean poblach (air an riaghladh leis an stàit). Faodaidh inbhe an fhoghlaim a gheibh sgoilearan ann an sgoiltean poblach a bhith gu math eadar-dhealaichte eadar aon sgoil agus sgoil eile.
Bidh na sgoilearan ann an sgoil a' sealltainn dè an seòrsa sgìre sa bheil an sgoil agus inbhe eaconamach nan daoine a tha a' fuireach an sin. Tha oileanaich bho sgoiltean ann an sgìrean nas beairtiche, far a bheil foghlam math aig na pàrantan, agus na sgilean agus na goireasan airson a' chlann aca a bhrosnachadh, buailteach dèanamh nas fheàrr ann an deuchainnean. Tha staitistigs a' sealltainn gu bheil Ameireaganaich gheala agus Àisianach a' dèanamh nas fheàrr na Ameireaganaich dhubha agus Iospàinntich a thaobh coileanadh ann am foghlam.
Ceudad (%) de dhaoine a tha 25-29 a chuir crìoch air co-dhiù an àrd-sgoil a rèir buidheann cinnidh (2010-2022)
| Buidheann cinnidh | Ìre sa cheud (%) |
| Geal | 97 |
| Iospàinnteach | 88 |
| Dubh | 95 |
| Àisianach | 99 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 97 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 88 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 95 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 99 |
Ceudad (%) de dhaoine a tha 25-29 a chuir crìoch air ceum co-aontach no nas àirde a rèir buidheann cinnidh (2010-2022)
| Buidheann cinnidh | Ìre sa cheud (%) |
| Geal | 56 |
| Iospàinnteach | 34 |
| Dubh | 36 |
| Àisianach | 78 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 56 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 34 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 36 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 78 |
Ceudad (%) de dhaoine a tha 25-29 a chuir crìoch air ceum baidealair no ceum nas àirde a rèir buidheann cinnidh (2010-2022)
| Buidheann cinnidh | Ìre sa cheud (%) |
| Geal | 45 |
| Iospàinnteach | 25 |
| Dubh | 28 |
| Àisianach | 72 |
| Buidheann cinnidh | Geal |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 45 |
| Buidheann cinnidh | Iospàinnteach |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 25 |
| Buidheann cinnidh | Dubh |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 28 |
| Buidheann cinnidh | Àisianach |
|---|---|
| Ìre sa cheud (%) | 72 |
Tha na clàran gu h-àrd a' sealltainn aig an ìre coileanaidh as ìsle ann am foghlam, a' cur crìoch air an àrd-sgoil air a' char as lugha, gu bheil diofar eadar buidhnean cinnidheach le dìreach 88% de Iospàinntich a' cur crìoch air an àrd-sgoil an coimeas ri 99% de dh'Ameireaganaich Àisianach. Ach tha a' bheàrn ann am foghlam a' fàs nas motha eadar diofar bhuidhnean cinnidheach mar a tha coileanadh ann am foghlam a' dol am meud.
Aig an ìre as àirde, a' cur crìoch air ceum baidealair no ceum nas àirde, tha 72% de dh'Ameireaganaich Àiseanach a' coileanadh na h-ìre seo an coimeas ri dìreach 28% de dh'Ameireaganaich dhubha agus 25% de dh'Ameireaganaich Iospàinnteach.
Eas-bhuannachdan foghlaim anns na sgìrean as motha easbhaidh
A thaobh staitistigs, tha ceudad nas motha de dhaoine bho mhion-chinnidhean a' fuireach ann an sgìrean nas bochda. Faodaidh gum bi seo a' ciallachadh gu bheil sgoiltean anns na sgìrean as motha easbhaidh a' fulang nan eas-bhuannachdan foghlaim a leanas:
- Tha e nas doirbhe tidsearan le teisteanasan a thàladh, agus a chumail, agus mar sin bidh clasaichean ann nach bi air an teagasg.
- Chan eil uiread de theansa aig sgoilearan na h-ìrean a choileanadh airson faighinn dhan oilthigh ma dh'fheumas an sgoil dèiligeadh ri barrachd sgoilearan le feumalachdan nas toinnte.
- Faodaidh gum bi bacadh ann a thaobh cànain. Ma tha clann ann le pàrantan gun Bheurla, 's dòcha gum bi e doirbh dhaibh bruidhinn ri na tidsearan no cuideachadh le obair-dachaigh.
- Tha e nas buailtiche nach fhaigh sgoilearan sgilean-beatha luachmhor eile ann an spòrs taobh a-muigh na sgoile no ann an co-fharpaisean – rudan as toigh le luchd-fastaidh.
- Ann an nàbachdan bochda, glè thric bidh cuideam mòr a' tighinn bhon chloinn eile airson pàirt a ghabhail ann an gràisgean no airson an sgoil fhàgail.
Ciamar a tha Riaghaltas nan SA air feuchainn ri dèiligeadh ri neo-ionannachd foghlaim?
Achd Soirbheachaidh Gach Oileanach (ESSA)
Mu dheireadh 2015, shoidhnig an Ceann-suidhe Obama Achd Soirbheachaidh gach Oileanach (Every Student Succeeds Act no ESSA). B' e amas na h-achd seo gum biodh cothrom math aig a h-uile pàiste air foghlam cothromach, co-ionann agus aig sàr ìre, agus beàrnan coileanadh foghlaim a dhùnadh.
B' e reachdas cudromach a bh' ann an ESSA oir ghluais e an t-uallach airson leasachadh air sgoiltean agus coileanadh ann an deuchainnean bhon riaghaltas fheadaralach gu stàitean fa leth. Thug e barrachd saorsa do stàitean foghlam a leasachadh anns an dòigh a b' fheàrr a choinnicheadh feumalachdan nan oileanach. Bha e cuideachd a' ciallachadh gun robh sgoiltean anns na sgìrean a bu mhotha easbhaidh a' faighinn barrachd taic airgid na chleachd iad.
Cosg air foghlam
Bho fhuair an Ceann-suidhe Biden cumhachd ann an 2021, tha e air a bhith a' feuchainn ri barrachd a chosg air foghlam agus a' bheàrn coileanaidh ann am foghlam nan diofar chinnidhean a bheagachadh. Gu sònraichte, fhuair sgoiltean barrachd maoineachaidh bhon riaghaltas fheadaralach airson toraidhean sgoilearan a leasachadh ann an leughadh agus ann am matamataig, airson barrachd thidsearan fhastadh, airson 's nach biodh sgoilearan far na sgoile cho tric agus airson taic nas fheàrr a thaobh slàinte inntinn.