Cùisean sòisealta agus eaconamach sna SACùis Eaconamach 2 – Reatan neo-ionannachd teachd-a-steach is bochdainn

'S e na SA an eaconamaidh as motha air an t-saoghal. A dh'aindeoin sin, tha cùisean sòisealta agus eaconamach ann a tha a' toirt buaidh air daoine fa leth, air coimhearsnachdan agus air a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd mar cùram-slàinte, foghlam agus cion-cosnaidh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Cùis Eaconamach 2 – Reatan neo-ionannachd teachd-a-steach is bochdainn

Tha neo-ionannachdan mòra anns na SA a thaobh teachd-a-steach agus bochdainn. Tha bochdainn a' toirt buaidh air ceudad nas motha de dh'Ameireaganaich dhubha is Iospàinnteach na air Ameireaganaich gheala agus Àisianach.

Tha Ameireaganaich gheala agus Àisianach nas buailtiche a bhith beairteach agus le reatan bochdainn nas lugha na Ameireaganaich dhubha is Iospàinnteach.

B' e $81,060 an teachd-a-steach cuibheasach ann an dachaigh Ameireaganaich gheala ann an 2022 an coimeas ri $62,800 airson Ameireaganaich Iospàinnteach agus $52,860 do dh'Ameireaganaich dhubha. B' e teachd-a-steach cuibheasach dachaigh Ameireaganaich Àisianach a b' àirde ann an 2022 aig $108,700.

Ìrean teachd-a-steach cuibheasach ($) a rèir buidheann cinnidh, 2022

Buidheann cinnidhTeachd-a-steach cuibheasach dachaigh ($)
Geal$81,060
Iospàinnteach$62,800
Dubh$52,860
Àisianach$108,700
Buidheann cinnidhGeal
Teachd-a-steach cuibheasach dachaigh ($)$81,060
Buidheann cinnidhIospàinnteach
Teachd-a-steach cuibheasach dachaigh ($)$62,800
Buidheann cinnidhDubh
Teachd-a-steach cuibheasach dachaigh ($)$52,860
Buidheann cinnidhÀisianach
Teachd-a-steach cuibheasach dachaigh ($)$108,700

Air an làimh eile, tha reatan bochdainn nas àirde gu cuibheasach aig Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach an coimeas ri Ameireaganaich gheala agus Àisianach.

Reatan bochdainn (%) a rèir buidheann cinnidh, 2022

Buidheann cinnidhReat bochdainn (%)
Geal8.6
Iospàinnteach16.9
Dubh17.1
Àisianach8.6
Buidheann cinnidhGeal
Reat bochdainn (%)8.6
Buidheann cinnidhIospàinnteach
Reat bochdainn (%)16.9
Buidheann cinnidhDubh
Reat bochdainn (%)17.1
Buidheann cinnidhÀisianach
Reat bochdainn (%)8.6

A' mìneachadh neo-ionannachdan teachd-a-steach eadar diofar bhuidhnean cinnidh

Tha teachd-a-steach co-cheangailte gu dlùth ri ìrean foghlaim. Ann an 2022, b' e $2,083 an teachd-a-steach cuibheasach san t-seachdain a bha aig cuideigin os cionn 25 bliadhna leis an teisteanas foghlaim a b' àirde, ceum ollamhail. Tha diofar mòr eadar seo agus an teachd-a-steach cuibheasach san t-seachdain a bha aig cuideigin os cionn 25 bliadhna leis an teisteanas foghlaim a b' ìsle, nas ìsle na dioplòma àrd-sgoile, aig $682. Bhon a tha Ameireaganaich gheala agus Àisianach mar as trice a' coileanadh theisteanasan foghlaim nas fheàrr na Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach, tha seo gu ìre a' mìneachadh an diofair ann an teachd-a-steach eadar na buidhnean cinnidh. (Stòr: US Bureau of Labor Statistics)

Agus tha cion foghlaim co-cheangailte ri reatan bochdainn nas motha. Bhon a tha teisteanasan foghlaim nas ìsle buailteach a bhith aig Ameireaganaich dhubha agus Iospàinnteach na aig Ameireaganaich gheala agus Àisianach, tha reatan bochdainn nam buidhnean sin nas àirde.

Ciamar a tha riaghaltas nan SA a' dèiligeadh ri bochdainn agus teachd-a-steach ìosal?

Tha riaghaltas nan SA airson taic a chumail ri daoine air teachd-a-steach ìosal ann an iomadh dòigh. Bidh mu 19% de chosgais riaghaltas feadaralach nan SA ($1.215 trillean) ga chosg air prògraman shochairean.

Cobhair Shealach do Theaghlaichean ann an Èis (Temporary Assistance for Needy Families no TANF)

'S e sochair a tha seo a bhios a' cuideachadh theaghlaichean nuair nach urrainn na pàrantan no an luchd-cùraim feumalachdan bunaiteach an teaghlaich a thoirt dhaibh. Bidh an riaghaltas feadaraileach a' toirt airgead do stàitean fa leth airson seo, agus faodaidh iadsan an uair sin co-dhùnadh a dhèanamh air an uiread a thèid a phàigheadh. Chosg TANF $15 billean do luchd-pàighidh nan cìsean anns na SA ann an 2022.

Tha stàitean air an t-airgead a chleachdadh airson airgead a bharrachd a thoirt do theaghlaichean, airson cùram-chloinne, foghlam, trèanadh airson obair agus còmhdhail do phàrantan a' dol gu agallamhan airson obair is às.

Prògram Cuideachaidh Mathachadh A bharrachd (Supplemental Nutrition Assistance Program no SNAP)

Seo sochair eile do theaghlaichean ann an èis. Tha teaghlaichean ga fhaighinn airson biadh fallain a cheannach. Tha iad ga fhaighinn ann an cruth cairt le airgead oirre agus faodaidh teaghlaichean a chleachdadh ann am bùithean a tha anns an sgeama.

Gabhaidh a' mhòr-chuid de bhiadh a cheannach le SNAP, ach a-mhàin biadh a tha teth nuair a cheannaicheas tu e. Cha mhotha a dh'fhaodar deoch-làidir, toitean, cungaidhean-leigheis no gnòthaichean slàintealachd a cheannach.

Ann an 2022, chosg SNAP $148 billean do luchd-pàighidh nan cìsean anns na SA.

Creideas Cìse Teachd-a-steach air a Cosnadh (Earned Income Tax Credit no EITC)

'S e sochair bhon riaghaltas fheadaralach do dhaoine a tha ag obair agus le teachd-a-steach ìosal a th' ann an EITC. Tha e coltach ri creideasan cìse anns an RA. Bidh EITC a' beagachadh na tha do chìsean ri phàigheadh agus 's dòcha cuideachd gun toir e beagan air ais. Còmhla ri creideasan cìse eile do chlann, 's e sochair eile a th' ann gus taic a thoirt do theaghlaichean a tha a' cur feum air taic, tha creideasan cìse a' cosg mu $196 billean do luchd-pàighidh nan cìsean ann an 2022.