Cùisean sòisealta agus eaconamach sna SACùis Shòisealta 3 – Neo-ionannachd taigheadais anns na SA

'S e na SA an eaconamaidh as motha air an t-saoghal. A dh'aindeoin sin, tha cùisean sòisealta agus eaconamach ann a tha a' toirt buaidh air daoine fa leth, air coimhearsnachdan agus air a' chomann-shòisealta san fharsaingeachd mar cùram-slàinte, foghlam agus cion-cosnaidh.

Part ofNuadh-eòlasCumhachdan an t-saoghail: Na Stàitean Aonaichte

Cùis Shòisealta 3 – Neo-ionannachd taigheadais anns na SA

Tha diofar mòr ann an càileachd taigheadais air feadh nan SA.

Sgìrean truagh anns a' bhaile-a-staigh

Tha beag-chuid cuimseach mòr de dh'Ameireaganaich a' fuireach ann an sgìrean truagh anns na bailtean-a-staigh. Bhon nach eil Ameireaganaich dhubh no Iospàinnteach sa chumantas cho math dheth ri Ameireaganaich gheala agus Àisianach, tha fada a bharrachd dhaoine dubha agus Iospàinnteach a' fuireach a sin.

Tha iad air an comharrachadh le:

  • taigheadas truagh
  • nas lugha de shealbh air dachaighean
  • cion-cosnaidh
  • bochdainn
  • teaghlaichean mì-dhòigheil
  • eucoir
  • drogaichean
Taigh fàsaichte ann an Detroit

Iomall-bhailtean Ameireaga

Tha daoine nas beairtiche, a tha nas buailtiche a bhith geal no nan Ameireaganaich Àisianach le foghlam agus teachd-a-steach nas fheàrr nas dòcha a bhith a' fuireach air iomall nam mòr-bhailtean.

Mar chomharran orra sin tha:

  • nas lugha de bhochdainn
  • barrachd de shealbh air dachaighean
  • nas lugha de dh'eucoir
  • sgoiltean le barrachd maoineachaidh
  • sràidean glana

Ciamar a tha sealbh air dachaighean air a bhriseadh sìos a rèir buidheann cinnidheach?

Sealbh air dachaigh (%) a rèir buidheann cinnidheach (2021

Buidheann cinnidhCeudad (%) le sealbh air an dachaigh
Geal72.7
Iospàinnteach50.6
Dubh44.0
Àisianach62.8
Buidheann cinnidhGeal
Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh72.7
Buidheann cinnidhIospàinnteach
Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh50.6
Buidheann cinnidhDubh
Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh44.0
Buidheann cinnidhÀisianach
Ceudad (%) le sealbh air an dachaigh62.8

Ciamar a tha Riaghaltas nan SA a' dèiligeadh ri neo-ionannachd taigheadais?

Thug Roinn Leasachaidh an Taigheadais is nam Bailtean (Department of Housing and Urban Development no HUD) a-steach iomadh iomairt airson feuchainn ri dèiligeadh ri neo-ionannachdan taigheadais.

Mar eisimpleir:

  • prògraman cuideachadh màil
  • a' toirt taigheadas agus seirbheisean gu dìreach dha na milleanan theaghlaichean air feadh nan SA

Chaidh maoineachadh a thoirt seachad cuideachd airson:

  • daoine ciorramach le tuarastal ìosal a chuideachadh le bhith a' pàigheadh a' mhàil
  • seann shaighdearan gun dachaigh a chuideachadh

An Ceann-suidhe Biden agus dèiligeadh ri duilgheadas taigheadais nan SA

Ann an 2022, dh'fhoillsich an Ceann-suidhe Biden Plana Iomairt Solar Taigheadais. Bha am plana ag amas air barrachd taigheadas sàr-chàileachd a bhith ri fhaotainn, cho math ri cosgaisean taigheadais a bheagachadh agus cothrom a thoirt do bharrachd Ameireaganaich a bhith air chomas an dachaighean fhèin a cheannach.